Gearasdan Deòrsa a' dùnadh ann an 2032
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Riaghaltas air dearbhadh gun dùin Gearasdan Deòrsa ann an 2032

7 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dhearbh an Riaghaltas gun tèid Gearasdan Deòrsa a dhùnadh.

Thuirt Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon,gun dùin an gearasdan airm faisg air Inbhir Nis anns a' bhliadhna 2032, leis an Fhreiceadan Dubh a tha stèidhichte ann an-dràsta ga ghluasad gu làrach eile ann an Alba.

Bha naidheachd na b' fheàrr ann do Mhoireibh ge-tà 's an MoD ag innse gun tèid Gearasdan Chinn Lois a ghlèIdheadh.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.