Deuchainn sholas soirbheachail

Cearcal-rathaid an Longman Image copyright Mary and Angus Hogg/Geograph

Thug na h-amannan feitheamh ùra aig na solais trafaig air cearcal-rathaid an Longman ann an Inbhir Nis, lùghdachadh air cho fada 's a tha tursan càir san sgìre a' toirt.

Thòisich Còmhdhail na h-Alba an deuchainn ùr air na solais aig deireadh an t-Samhraidh 's draghan air nochdadh mu cho fada 's a bh' aig dràibhearan ri feitheamh mus atharraicheadh na solais, 's gun robh sin ag adhbharachadh maill mhòir air trafaig san sgìre.

A' coimhead air tomhas de dh'ùineachan dràibhidh eadar Diluain is Dihaoine, thug e sa bhitheantas dusan sa cheud nas lugha ùine do dhràibhearan faighinn chun a' chinn-ùidhe aca bho chaidh amannan nan solas a lùghdachadh.

Chaidh coimhead ri grunn roghainnean, nam measg a bhith a' toirt nan solas air falbh buileach glan, agus a bhith a' cruthachadh lèanaichean a leigeadh le daoine tionndadh clì gun a bhith a' feitheamh.

Ach b' e lùghdachadh amannan feitheamh air na solais a b' èifeachdaiche, a rèir an rannsachaidh.

Tha obair fhathast a' dol air fuasgladh do mhaill air an deireadh-sheachdain ge-tà, agus ùineachan dràibhidh air a dhol suas ri linn na deuchainn, seach sìos.