Coinneamh a' Choimisein ga cur dheth

Coimisean na Croitearachd

Chaidh coinneamh mhìosail Choimisean na Croitearachd, a bha dùil a dheadh a chumail ann an Inbhir Nis Diciadain, a chur dheth, ri linn 's nach nochdadh gu leòr de na coimiseanairean.

Feumaidh còignear choimiseanairean a bhith an làthair airson gun seas coinneamh gu h-oifigeil - agus feumaidh triùir aca sin a bhith nam buill thaghte.

Tha grunn de na coimiseanairean a bha gu bhith aig a' choinneimh gu bhith an sàs ann an gnothaichean eile, no thall-thairis.

'S e seo a' chiad choinneamh bho bhòt na coimiseanairean eile gu h-aona-ghuthach gun robh iad ag iarraidh air an Fhear-Ghairm, Cailean Ceannadach, a dhreuchd fhàgail.

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse gu bheil rannsachadh air tòiseachadh mu dhòighean obrach a' Choimisein, agus mar a rinn iad co-dhùnaidhean a thaobh trì chomataidhean ionaltraidh a chaidh a chur ma sgaoil.

Chan eil e soilleir carson nach eil gu leòr choimiseanairean gu bhith saor airson na coinneimh, agus coinneamhan a' Choimisean air an cur air dòigh mìosan ro làimh.

Tha seo a' tighinn agus rannsachadh a' dol air adhart air mar a tha Comisean na Croitearachd ag obrachadh.

Tha dùil ri toradh an rannsachaidh sin tràth sa bhliadhna ùir.

Bidh taghadh ann do Choimisean na Croitearachd anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.