Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taghadh nan Stàitean

Tha na deichean mhilleanan a' bhòtadh ann an Aimeireaga airson cinn-suidhe ùir, am fear-gnothaich Dòmhnall Trump, no Hillary Clinton, a bha na Rùnaire Stàite. Bha an dithis aca ag iomairt gu anmoch a-raoir. Tha dùil gur e taghadh faisg a bhios ann.

Eaconamaidh

Bidh an Rìoghachd Aonaichte £25bn nas miosa dheth na bha dùil ron bhliadhna 2020. Sin a rèir aithris airson an Institiùd airson Sgrùdaidh Fhiosgail. Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gur e am bhòt airson an EU fhàgail am prìomh adhbhar airson an lùghdachaidh. Thuirt am Prìomhaire Teresa May ge-tà, gu bheil mòran chothroman an lùib Bhrexit.

Croitearachd

Cha tèid coinneamh mhìosail Choimisean na Croitearachd a bha còir a bhith ann an Inbhir Nis a-màireach air adhart, bho nach bi gu leòr choimiseanairean an làthair. Bha ceist ann mu cò bhiodh anns a' chathair, oir 's e seo a' chiad choinneamh bho bhòt na coimiseanairean eile gu aona-ghuthach gun robh iad ag iarraidh air an Fhear-Ghairm, Cailean Ceannadach, a dhreuchd fhàgail. Cha deach ceann-là eile a chur air doigh airson na coinneimh. Tha seo a' tighinn 's Riaghaltas na h-Alba air innse gu bheil rannsachadh air tòiseachadh mu dhòighean-obrach a' Choimisein, agus mar a rinn iad co-dhùnaidhean a thaobh trì comataidhean ionaltraidh a chur ma sgaoil.

CMAL

Nì CMAL, a' chompanaidh leis a bheil aiseagan ChalMac, measadh air na puirt ann an Loch nam Madadh agus air an Tairbeart. Bidh iad a' coimhead dè na leasachaidhean a tha a dhìth mus tòisich bàt'-aiseig ùr ann an 2018. Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air obair sam bith a bhios a dhìth ann an Ùige.

Marks & Spencer

Dh'innis a' chompanaidh Marks & Spencer gum bi 60 bùth aodaich 's gnothaichean dachaigh nas lugha aca an ceann còig bliadhna. Bidh 30 de na bùithdean a' dùnadh buileach. Dùinidh bùithdean thall thairis cuideachd, ach tha iad an dùil barrachd bhùithdean bìdhe fhosgladh. Tha seo a' tighinn às dèidh dhaibh innse gun tàinig lùghdachadh de faisg air 20% air na prothaidean aca anns a' chiad leth den bhliadhna.

Am Prionnsa Harry

Tha am Prionnsa Harry air gearan mu dheidhinn aithrisean a th' air nochdadh anns na meadhanan mu a leannan, a' bhana-chleasaiche Aimearaganach Meghan Markle. Tha e ag ràdh gu bheil gràin an aghaidh bhoireannach agus gràin-cinnidh an dèidh thighinn am bàrr aig amannan.