Deireadh Choimisean na Coilltearachd?

Coille Image copyright Dorothy Carse/Geograph

Thig co-chomhairle phoblach, a dh'fhaodadh cur às do Choimisean na Coilltearachd an Alba, gu crìch Diciadain.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh buidheann ùr - Coilltearachd agus Fearann Alba - a chruthachadh airson fearann a th' ann an sealbh poblach a riaghladh.

Dheadh dleastanasan poileasaidh agus riaghlaidh Choimisean na Coilltearachd a chur an lùib na seirbheis chatharra.

Tha feadhainn a tha an aghaidh a' phlana ag ràdh gun tèid eòlas coilltearachd a chall.

Eòlas

"An-dràsta tha buidheann fa-leth againn, ann an Coimisean na Coilltearachd, a tha an urra ri poileasaidh coilltearachd agus obair riaghlaidh," thuirt Teàrlach Dundas, bho Urras Choilltean na h-Alba.

"Chuireadh na molaidhean seo às don bhuidhinn shònraichte fa-leth a tha sin.

"'S e tè de na buidhnean poblach as èifeachdaiche an Alba a th' ann an Comisean na Coilltearachd, a thaobh bith-iomadachd, atharrachadh na sìde, agus uiread eile de na gnothaichean cudromach a tha seo.

"Chan eil sinne airson 's gun tèid an sàr-obair a tha sin a chall.

"Nuair a thèid seo a thoirt a-steadh don t-seirbheis chatharra, tha dragh mòr ann gun teid a thanachadh, 's gun tèid an sàr-eòlas a tha sin a chall."

Ach tha Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a' dol às àicheahd gun dèan na molaidhean milleadh air gnìomhachas na coilltearachd.

"Chan e idir na tha fa-near dhuinn a bhith a' dol às àicheadh cho cudromach 's a tha na daoine a tha ag obair do Choimisean na Coilltearachd, agus Iomairt na Coille," thuirt e.

"'S e an dearbh chaochladh.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri Urras nan Coilltean, agus ris a' h-uile buidhinn eile.

"Tha taic gu leòr ann, saoilidh mi, airson tòrr de na molaidhean a chuir sinn an lùib a' Bhile againn," thuirt e.