Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump

'S e Dòmhnall Trump an ath-Cheann-Suidhe a bhios aig na Stàitean Aonaichte. Rinn e a' chùis ann an cuid de na stàitean mòra mì-chinnteach anns an rèis. Thuirt Mgr Trump agus e a' bruidhinn ann an New York gu bheil thìde aig an dùthaich a thighinn còmhla. Seo Dòmhnall Angaidh Moireasdan:

"Bha e follaiseach fhad 's a bha an oidhche a' dol air adhart, gun robh na cunntasan bheachd, a bh' air Hillary Clinton a chur air thoiseach airson grunn mhìosan, ceàrr. Bha na Poblachdaich a' dèanamh tòrr nas fheàrr na bha iad an dùil, le Mgr Trump a' buannachadh stàitean cudromach Florida, Ohio agus Carolina a Tuath. Thug sin dha slighe dhan Taigh Gheal, agus nuair a chaidh a dhearbhadh gun do bhuannaich e Wisconsin, chaidh e seachad air a stairsnich. Le mòran a' dèanamh gàirdeachais mun cuairt air dh'innis Mgr Trump dhan HQ aige ann an New York gun do dh'fhòn Hillary Clinton thuige airson meala-naidheachd a chur air 's i a' gabhail ris gun robh Mgr Trump air an Taigh Geal a bhuannachadh. Thuirt esan gu bheil an t-àm ann a-niste an dùthaich a thoirt còmhla."

Ghlèidh am pàrtaidh aige, na Poblachdaich, cuideachd an Seanadh agus Taigh nan Riochdairean.

Am Breatainn chuir am Prìomhaire, Theresa May, meala-naidheachd air Mgr Trump. Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba meala-naidheachd air cuideachd, ged a dh'aidich i nach b' e seo a' bhuil a dh'iarradh i. Bha Nicola Sturgeon air taic a chur ri Hillary Clinton.

Thuirt Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, gun robh e dòchasach gun tigeadh piseach air a' chàirdeas eadar an Ruis agus na Stàitean. Chuir ceannardan phàrtaidhean na làimhe deise san Roinn Eòrpa cuideachd fàilte air an naidheachd.

Ann an naidheachdan eile:

Tuathan-gaoithe

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte co-chomhairle air am bu chòir subsadaidhean a thoirt do ghnìomhachas nan tuathan-gaoithe air tìr anns na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan mu Thuath. Chuir na Tòraidhean aig Westminster romhpa stad a chur air a leithid de shubsadaidhean agus iad airson an t-airgead a chosg air teicneòlas ùr leithid chumhachd nan tonn. Bidh a' cho-chomhairle fosgailte gu deireadh an Fhaoillich.

Tram

Chaidh grunnan dhaoine a ghoirteachadh às dèidh do thram car a chur ann an tunail ann an Lunnainn. Thachair an tubaist ann an Croydon, an ceann a deas a' bhaile, beagan às dèidh 06:00m an-diugh.

Brexit

Leanaidh còmhraidhean eadar an Rìoghachd Aonaichte agus riaghaltasan na h-Alba, na Cuimrigh 's Èireann a Tuath mu dheidhinn Brexit. Tha seo a' tighinn às dèidh naidheachd an là an-dè gu bheil Alba a' dol a dh'fheuchainn ri àite fa-leth iarraidh anns a' chùis-lagha mu Artaigil 50. Sin am pròiseas a dh'fheumas Breatainn a leantainn airson an EU fhàgail.