Ceist mu inbhe Bhaile a' Ghobhainn is Chùil Lodair

Baile a' Ghobhainn Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Dh'iarr cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Bhaile Ghobhainn is Chùil Lodair gum faigh an sgìre cothrom air taic-airgid airson choimhearsnachdan dùthchail.

Chaidh an gnothach a thogail aig co-labhairt air cùisean coimhearsnachd dùthchail Dimàirt.

Thuirt Dàibhidh MacRath gu bheil sluagh mòr san sgìre, ach gu bheil ceist ann an e pàirt de dh'Inbhir Nis a th' ann, no baile fa-leth.

"Nuair a tha thu a' fuireach a-muigh an seo, 's tu ag iarraidh a' chlann agad a thoirt don ionad spòrs tha agad ri dusan, no 13 mìle a dhràibheadh ann 's air ais," thuirt e.

"No dà bhus gus faighinn ann.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sin cuideachail do mhuinntir an àite gu bheil gainnead ghoireasan mar sin far a bheil sluagh cho mòr.

"Thathas an-còmhnaidh a' coimhead thairis oirnn, oir chan eil sinn a' tighinn a rèir inbhe shoilleir airson maoineachaidh."