Co-chomhairle air taic do thuathan-gaoithe

Tha an Riaghaltas ann an Lunnainn air conaltradh poblach a chur air chois airson beachdan fhaighinn air subsadaidh do thuathan-gaoithe air tìr anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn.

Bha am Pàrtaidh Tòraidheach air gealltainn ron taghadh phàrlamaid an-uiridh gun tigeadh an subsadaidh gu crìch do thuathan-gaoithe air tìr.

Ach rinn BP nan Eilean Siar, Aonghas MacNèill, càineadh laidir air an Riaghaltas seach gu bheil iad air tuathan-gaoithe nan eilean a chasg bho bhith a' tairgse airson maoin a bheireadh togail dhan ghnìomhachas.