Salainn gu leòr 'son a' gheamhraidh

gritters Image copyright Highland Council
Image caption Cheannaich a' Chomhairle 20 làraidh ùr 'son a bhith sailleadh nan rathaidean.

Dhearbh Comataidh Seirbheisean Coimhearsnachd Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil salainn gu leòr aca son nan rathaidean tro mhìosan a' gheamhraidh.

Chaidh barrachd salainn a cheannach anns an Dàmhair a' fàgail gu bheil 60,000 tunna aca uile gu lèir.

Chleachd iad 50,300 tunna tron gheamhradh an-uiridh is chosg sin £1.27m.

Cheannaich a' Chomhairle 20 làraidh ùr son a bhith sailleadh nan rathaidean 's tha nis 105 làraidh aca le 45 tractar beag 'son a bhith sailleadh chabhsairean agus aon charbad a tha comasach air a dhol tron t-sneachd.

Buidseat £5.22m

Tha 200 luchd-obrach an sàs ann an seirbheis gheamhraidh na Comhairle agus tha iad air trèanadh às ùr fhaighinn air seirbheis ro-shealladh aimsire a thathas a' cleachdadh son co-dhunaidhean a dhèanamh bho là gu là air dè na feumalachdan a th'ann anns gach sgìre.

Mhol Iar Chathraiche Chomataidh Seirbheisean Coimhearsnachd na Comhairle, Richard Green gum bu chòir coimhearsnachdan fios a chur air a' Chomhairle ma tha iad ag iarraidh binichean salainn son a chur an cois nan rathaidean aca.

Tha buidseat luach £5.22m aig a' Chomhairle son sailleadh nan rathaidean.

Tha uallach orra-san airson 6744km de rathaidean air a' Ghàidhealtachd, ach tha uallach air Bear Scotland airson nam prìomh rathaidean san sgìre.