Mac bana-Leòdhasach san Taigh Gheal
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachdan measgaichte ann an Leòdhas mun cheann-suidhe ùr

9 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S ann à Leòdhas a thàinig màthair Dhòmhnaill Iain Trump.

Chaidh i a-null a dh' Aimeiriga na nighean òg, 's i a' sireadh beatha nas fheàrr dhith fhein.

Tha a mac a-nis air an ìre phoileataigeach as àirde a' th'ann a ruigheachd - ach, mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris, ged a tha cuid ann an dùthaich a shinn-sheanairean a' cur fàilte air an naidheachd, tha cuid eile nach eil a' dèanamh gàirdeachais.