Taigh-òsta ùr san Aghaidh Mhòir?

Tha an làrach air a bhith falamh fad 11 bliadhna. Image copyright Undiscovered Scotland

Chur a' chompanaidh Premier Inn iarrtas a-steach airson taigh-òsta ùr a thogail anns an Aghaidh Mhòir.

Tha iad airson seann làrach stèisean peatrail a' Chàrn Ghorm aig ceann a deas a' bhaile a chleachdadh son taigh-òsta le 60 leabaidh.

Bhiodh an obair luach £5m agus bheireadh e cosnadh do 30 neach.

Dhùin a gharaids ann an 2005 's chaidh an togalach fhèin a' leagail bhon uairsin.

A' coimhead sgreamhail

Tha na planaichean a' sealltainn taigh-òsta air Rathad Roinn a' Mhonaidh, le 53 àite-parcaidh agus bidh goireasan bìdhe na lùib.

Beachdachaidh Comhairle Choimhearsnachd an Aghaidh Mhòir air a' chùis aig coinneamh 'sa bhaile Diardaoin, ach thuirt cathraiche na buidhne, John Grierson, gun robh an t-àm ann ruideigin a dhèanamh leis an làraich a th'air a bhith falamh cho fada.

"Tha e a' coimhead sgreamhail" thuirt e.

Thuirt fear-labhairt Premier Inn, Nick Johnson gu bheil iad air a bhith sireadh àite anns a bhaile son grunn bhliadhnaichean 's gu bheil iad a' coimhead air adhart ri bhith leasachadh làrach a th'air a bhith falamh fad 11 bliadhna.

Tha an t-iarrtas air beulaibh Chomhairle na Gàidhealtachd.