Sturgeon a'gearain mu Ghearastan Deòrsa

Fort George Image copyright Thinkstock
Image caption Dhearbh Ministreachd an Dìon gun tèid an gearastan a' dhùnadh ron a' bhliadhna 2032.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon air sgrìobhadh chun Phrìomhaire, Theresa May a ghearain mu phlanaichean airson Gearastan Deòrsa agus ionadan airm eile ann an Alba a dhùnadh.

Thuirt Ms Sturgeon gun robh na 'gearraidhean brùideil' a' comharrachadh gu robh cha mhòr an t-arm air fad air falbh bho phìosan mòra de dh'Alba.

Dhearbh Ministear an Dìon, Sir Mìcheal Fallon Diluain gun rachadh Gearastan Deòrsa a' dhùnadh ron bhliadhna 2032, ach tha uallach air Nicola Sturgeon gun tèid a dhùnadh fada ron sin.

Samhla

Anns an litir aice chun a' Phrìomhaire, tha i ag ràdh gu bheil an gearastan, a chaidh a thogail san ochdamh linn deug, na phàirt mhòr den choimhearsnachd ionadail agus gur e call mòr a th'ann dhaibh.

Tha ise ag ràdh gu bheil seo na shamhla air mar a tha riaghaltas na RA a' toirt prìomhachas do dh'armachd niùclasach air thoiseach air a bhith toirt taic do dh'ionadan arm àbhaisteach.

Dh'iarr Ms Sturgeon fiosrachadh sam bith air àireamhan luchd-obrach an airm air an toir seo buaidh; càite an tèid iad nuair a dhùineas na h-ionadan agus dè a bhuaidh a bheir seo air an eaconomaidh.

Tha i airson fios fhaighinn cuideachd air dè an taic ionmhais a tha dhìth air na daoine air an toir seo buaidh.

Dhearbh oifis a' Phrìomhaire gun d'fhuair iad an litir agus gun tèid sgrìobhadh air ais a dh'aithghearr.

Timcheall a' BhBC