Iarrtas às ùr 'son fiosrachadh mu Renee NicRath agus a mac

police
Image caption Chaidh an dithis a dhìth bho chionn 40 bliadhna.

Dh'iarr Polais na h-Alba air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu mar a chaidh Renee NicRath agus a mac Anndra a dhìth bho chionn 40 bliadhna a dhol thuca.

Chaidh rannsachadh muirt a chur air chois aig an àm, nuair a chaidh an càr BMW aig a' BhPh NicRath fhaighinn na theine air an A9 aig Dail MhicGarraidh, deas air Inbhir Nis, aig 10f air an 12mh là dhen t-Samhain 1976.

Fhuaireadh fuil Renee agus a mic air plaide ann an cùl a' chàir ach cha robh sgeul oirre fhèin no air Anndra agus chan fhacar iad bhon là sin.

Ath-sgrùdadh

Chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' chùis ann an 2004 agus a-rithist ann an 2013 le siostam ùr sgrùdaidh ga chleachdadh, ach cha deach duine a chur an greim co-cheangailte ris a' chùis.

Tha aithrisean air a bhith dol anns na meadhanan bho chionn ghoirid ag ràdh gu bheil luchd-togail, a th' air a bhith ag obair air an A9 a leasachadh, air siostam radar a chleachdadh agus air mothachadh gu bheil pìos dhen rathad nach eil coltach ris a' chòir.

Tha na polais ag ràdh ge-tà nach robh am pìos rathaid sin air a thogail bho chionn 40 bliadhna.

Tha iad mothachail, thuirt iad, gu bheil an t-àite seo faisg air far an deach sgrùdaidhean a dhèanamh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad 'son lorg fhaighinn air an dithis.

Siostam Radar

"Tha sinn ag obair ann an co-bhann leis a' Chomhairle ionadail agus leis a' chompanaidh togail feuch am faigh sinn a-mach dè tha ag adhbhrachadh gu bheil an rathad eadar-dhealaichte an seo".

"Tha teaghlach Renee agus Anndra a' lorg freagairtean agus tha sinn airson a h-uile sian is urrainn dhuinn a dhèanamh son na freagairtean sin fhaighinn."

Chur teaghlach Renee agus Anndra brath-naidheachd a-mach ag ràdh gu bheil 40 bliadhna bhon a chaidh an dithis a dhìth agus gu bheil an cridhe briste leis a' chall a thàinig orra.

Chan urrainn dhaibh dòchas a leigeil seachad, thuirt iad, gu bheil fiosrachadh aig cuideigin mu na thachair dhan dithis.

"Tha sinn a' guidhe gun tig cuideigin air adhart oir, gus an tachair sin, tha an neach a rinn cron air Renee agus Anndra ma sgaoil, agus chan fhaigh sinne seachad air a' chùis".

Dh'iarr na polais air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun a' chùis fònadh thuca air 101 no gu Crimestoppers on 0800 555 111.