Gàidhlig air Ghàidhealtachd "feumach air barrachd"

Airgead Image copyright PA

Thuirt cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd nach eil an t-ùghdarras a' toirt spèis cheart do chànan nan Gàidheal.

Thàinig am beachd bho Hamish Friseal agus Comataidh na Gàidhlig air aontachadh gum feum a' Chomhairle agus Riaghaltas na h-Alba barrachd airgid agus barrachd ghoireasan a chur mu choinneimh a' chànain.

Dh'iarr cuid de bhuill gum biodh a dhà uimhir de luchd-obrach, agus de dh'ionmhas ann dhan Ghàidhlig.

Thuirt an Comh. Friseal gu bheil feum air barrachd.

"Chan eil againn aig an ìre a tha seo ach suim bheag de dh'airgead a' dol a-steach dha poit na Gàidhlig aig a' Chomhairle," thuirt e.

"Gu h-àraid an taca ris an airgead mhòr a th' againn anns a' Chomhairle air fad.

"Mar sin, an-còmhnaidh, tha sinn a' coimhead airson barrachd.

"Agus bhiodh e math nan cuireadh a' Chomhairle agus an Riaghaltas barrachd airgid a-steach.

"Ach tha mise den bheachd, aig an ìre a tha seo, gu bheil staid ionmhais na dùthcha cho duilich, cho ìosal, 's nach eil sinn a' dol a dh'fhaighinn mòran a bharrachd na tha sinn a' faighinn aig an ìre a tha seo.

"Ach bhithinn an dòchas, sna bliadhnaichean a tha romhainn, ma tha iad a' dol a thoirt spèis cheart don Ghàidhlig, gum feum barrachd airgid a bhith air a chur a-steach airson sin a dhèanamh," thuirt e.

Chaidh beachd iarraidh bho cheannardan na Comhairle, agus thathas fhathast a' feitheamh sin.