Luchd-siubhail is teachd a-steach Chalmac an àirde

Bàt-'aiseig Chal Mac
Image caption Chaidh an àireamh de charbadan air bòrd sheirbheisean Chalmac suas 9% a-rèir nam figearan as ùire.

Thuirt Calmac gun deach an dà chuid an àireamh de luchd-siubhail agus an teachd a-steach aca suas an-uiridh.

Ach thàinig dùblachadh air na chaill iad de dh' airgead tron bhliadhna, gu faisg air £5m.

Thar na bliadhna mu dheireadh chaidh an àireamh de luchd-siubhail air bàtaichean Chalmac suas 2% gu còrr is 5,000,000 neach.

Agus chaidh an àireamh de charbadan a chaidh a ghiùlain suas 9% gu 1,200,000.

Call

Chaidh cuideachd teachd a-steach na companaidh an àird bho £172m gu £190m.

A dh' aindeoin sin ge-tà rinn a' chompanaidh call de £4.3m an-uiridh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gun do rinn iad call seach gun do chuir iad tòrr airgid an sàs ann an teicneòlas ùr airson na seirbheisean aca a leasachadh.

Thuirt Caithriche companaidh Dhaibhidh Mhic a' Bhruthainn, Dàibhidh McGibbon gur e bliadhna gu math soirbheachail a bh' ann dhaibh agus gu bheil iad a dhol bho neart gu neart.