Clì Gàidhlig a' dol à bith

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alison Lang, Clì Gàidhlig.

Thèid buidheann riochdachaidh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, Clì Gàidhlig, à bith.

Aig an dearbh àm, cuiridh iad ath-chuinge a dh'ionnsaigh Pàrlamaid na h-Alba a dh'iarraidh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air leasachadh na Gàidhlig.

Chaill Clì, a chaidh a stèidheachadh ann an 1984, am maoineachadh a bha a' tighinn thuca bho Bhòrd na Gàidhlig na bu tràithe air a' bhliadhna.

Dh'fhàg sin ceist mhòr mun coinneimh.

Chruinnich am ballrachd aig an coinneimh bhliadhnail air an deireadh-sheachdain gus an t-slighe air adhart a dheasbad.

Bha am bòrd-stiùiridh air innse ro-làimhe gum biodh e an urra ris na buill an robh iad 'son cumail a' dol ann an riochd ùr, air neo a' bhuidheann a chur ma sgaoil.

'S e Clì Gàidhlig a chur à bith an co-dhùnadh a bh' aca air a' cheann thall.

Cridhe trom

"'S ann le cridhe trom a bh' againn ris a' mholadh sin a chur chun na ballrachd againn, agus nuair a thàinig e dhan bhòt, gun do dh'aontaich a h-uile duine gur e sin an co-dhùnadh glic leis mar a bha an suidheachadh às aonais maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig", thuirt Alison Lang, a tha air bòrd-stiùridh Chli.

"Cha robh sinn a' faicinn dòigh eile air adhart, ach aig an aon àm, tha cuid againn feargach is a' faireachdainn nach robh adhbhar gun tigeadh e gu seo", thuirt i.

Ged nach bi Clì ann tuilleadh, iarraidh iad san iomairt mu dheireadh aca air Pàrlamaid na h-Alba coimhead ri suidheachadh is èifeachd leasachadh na Gàidhlig.

Cuiridh iad ath-chuinge air adhart is iad ag ràdh gu bheil feum air rannsachadh air poileasaidhean Gàidhlig san fharsaingeachd.

Tha sùil aca gu sònraichte air planaichean Gàidhlig, is ceist air a' bhuidhinn dè cho èifeachdach 's a tha siostam nam planaichean Gàidhlig.

Thuirt iad gur e àm freagarrach a th' ann leithid de rannsachadh a dhèanamh.

Chaidh Alison Laing às àicheadh gur ann ag amas air dìoghaltas air Bòrd na Gàidhlig a tha Clì leis an ath-chuinge.

Cor

"Chan ann airson breab a thoirt dha Bòrd na Gàidhlig a tha seo, chan e peanas a tha seo, 's e an rud a tha cudromach dhuinn cor na Gàidhlig.

"Uaireannan nuair a tha sinn a' coimhead ri mar a bha Bòrd na Gàidhlig a' dèiligeadh rinn, gu h-àraidh bho chionn trì no ceithir bliadhna, bha e uabhasach doirbh a bhith a' conaltradh riutha is a bhith a' faighinn èisteachd.

"Tha ceannard ùr ann agus chan ann fhad 's a bha ise anns an dreuchd a chaidh na co-dhùnaidhean seo a dhèanamh a bhith a' diùltadh maoineachaidh do luchd-ionnsachaidh tro Chlì.

"Tha torr bhuidhnean agus daoine fa-leth a' faireachdainn nach eil fios aca dè tha a' dol aig Bòrd na Gàidhlig; ciamar a tha iad ag obair, dè na rudan cosgail - mar eisimpleir mygaelic.com, air an do chaill iad an t-uabhas airgid - cha dèanadh e cron na ceistean seo a thogail agus dìreach a bhith cinnteach gu bheil poileasaidh air an t-slighe cheart", thuirt i.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gur e bristeadh-dùil a th' ann dhaibh gu bheil Clì air co-dhùnadh a' bhuidheann a chur ma sgaoil, is gun robh Clì air obair ionmhalta a dhèanamh thar nam bliadhnaichean.

Ro-innleachd

"Mus tàinig an t-aonta-maoineachaidh againn le Clì gu crìch, bha iad nam ball de bhuidheann-obrach a chaidh a chur air chois gus ro-innleachd ùr a dhealbh airson inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, oir chaidh aontachadh gum bu chòir sùil as ùr a thoirt air an raon sin agus gum bu chòir a neartachadh", thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Niclllinnein.

"Tha e na amas don ro-innleachd an àireamh de dh'inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh thairis air 7 bliadhna ann an co-bhuinn ri MG ALBA, Ùghdarrasan Ionadail agus daoine eile.

"Às dèidh don ro-innleachd a bhith air a dealbh, cha do chuir Clì iarrtas sam bith a-steach airson tuilleadh maoineachaidh gus pàirt sam bith den ro-innleachd ùir a thoirt gu buil, fiù 's nuair a rinn am Bòrd soilleir dhaibh gun robh iad làn di-beathte sin a dhèanamh.

"Tha Bòrd na Gàidhlig air cur roimhe taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus a bhith a' cruthachadh barrachd chothroman gus an cànan ionnsachadh.

"Air a' bhliadhna seo fhèin tha sinn air còrr is £580,000 a chosg air ionnsachadh na Gàidhlig do dh'inbhich, eadar lìbhrigeadh chùrsaichean, goireasan agus rannsachadh. Tha sinn cuideachd ag obair ann an com-pàirt ri grunn bhuidhnean a tha ag obair san raon seo", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile