Coinneamh le croitearan Chuil Uaraich

Coimisean na Croitearachd

Tha dùil gun coinnich riochdairean Choimisean na Croitearachd ri croitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas seachdain Dimàirt.

Tadhlaidh riochdairean a' Choimisein air Col Uarach air 22na na Samhna - Coimiseanair na sgìre Murchadh MacIllFhinnein, agus Àrd-Oifigear eadar-amail a' Choimisein, Bill Barron nam measg, agus iad ag amas air cùisean a chur air stèidh a-rithist gus am faigh comataidh ionaltraidh air an obair a dhèanamh anns a' bhaile.

Tha buill den t-seann chomataidh, a chuir an Coimisean ma sgaoil, ag ràdh gu bheil grunn cheistean aca ri chur air a' Choimisean fhathast ge-tà, mu dheidhinn ciamar a chaidh constabal ionaltraidh a chur dhan bhaile sa chiad dol a-mach, ciamar a fhuair an constabal a làmhan air cunntas banca a' bhaile, agus càite a bheil an t-airgead sin a-niste.

Tha e air tighinn am follais gun do chuir an constabal a chuir an Coimisean dhan bhaile crìoch air obair agus gu bheil e air aithisg a thoirt dha na croitearan.

Agus chaidh agallamhan a chumail air an deireadh-sheachdain 'son dithis choimiseanairean ùra.

Chan eil Coimisean na Croitearachd air an aithisg a dh'ullaich an constabal fhaicinn, agus iad ag ràdh gum bu chòir gur ann dha na croitearan a bha an constabal ag obair, 's gur iadsan a bu chòir an aithisg fhaicinn.

Dhearbh iad nach deadh cùmhnant a' chonstabail a leudachadh, agus gun robh e a' moladh gun tigeadh an croitearan sa bhaile còmhla gus comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh - rud a rinn iad o chionn grunn sheachdainnean.

Bidh e an urra ris a' Choimisean an daingnich iad a' chomataidh a tha sin, no an iarr iad air croitearan a' bhaile comataidh a thaghadh às ùr.

Chuir Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, gearain oifigeil a-steach mu mar a bha Ministear na Croitearachd, Fearghas Ewing, air dèiligeadh ris a' chùis.

Is coltach gun deach gearain a chur gu Coimiseanair nan Inbhean Beusail mu dheidhinn an Fhir-Ghairm, ach nach deach na gearainnean a tha sin a dhaingneachadh, agus gun deach am fàgail an dàrna taobh.