Tubaist smàlaidh "ri linn deighe duibhe"

Làrach na Tubaiste Image copyright Peter Jolly

B' e deigh dhubh a dh'adhbharaich tubaist a thachair tràth madainn sa Ghearran am-bliadhna eadar dà charbad-smàlaidh faisg air Inbhir Nis.

Sin na fhuair rannsachadh air a' chùis a tha dìreach air an aithisg aca fhoillseachadh.

Thàinig an dà charbad far an rathaid air Mòinteach Chùil Lodair, 's iad a' freagairt gairm èiginn.

Bha an dà charbad-smàlaidh a' dol aig astar mu 07:00m sa Ghearran seo chaidh, dar a thaom iad gu aon taobh, a' tuiteam air an cliathaich ann am pàirce taobh an rathaid.

Chaidh naoinear smàladairean a ghoirteachadh, le dithis aca air an gearradh a-mach às an sprùilleach le an co-obraichean.

Chaidh còignear a thoirt chun an ospadail.

Ann an aithisg a dh'fhoillsich Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, b' e deigh dhubh a chaidh a choireachadh airson na tubaiste.

Thuirt an t-seirbheis, ri linn sin, gun dèan iad ath-sgrùdadh air mar a tha fiosrachadh mu shuidheachadh rathaidean ga thionnal, agus cuideachd air na cunnartan a tha an lùib shlighean sònraichte.

Tha dùil aca cuideachd ath-sgrùdadh a dhèanamh air trèanadh airson dràibheadh ann an droch shìde, agus cho eòlach 's a tha dràibhearan air carbadan fa-leth.

Ach thuirt iad nach robh iad a' meas gun robh sin na phàirt de na dh'adhbharaich an tubaist.