Postairean Steòrnabhaidh gan rannsachadh

Thuirt na Poilis gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean gun deach postairean tàmailteach a chur suas ann an grunn àiteachan ann an Steòrnabhagh.

Thathas a' smaointinn gun deach na postairean a chur suas Dihaoine an 4mh den t-Samhain.

Nochd iad aig oifsean Comhairle nan Eilean Siar, Stèisean nam Busaichean, Ceàrnag Pherceval agus aig Tesco.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis brath a chur orra air 101, air neo gu Crimestoppers on 0800 555111 mura h-eil iad airson ainm a thoirt seachad.