Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dòmhnall Trump

Dh'iarr Ceann-Suidhe Taghte nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump deireadh air dìmeas air Muslamaich agus sluagh Latino ann an Aimeireaga, an dèidh aithrisean gu bheil a leithid a' sìor fhàs bitheanta an dèidh taghadh na seachdain seo chaidh. Dh'innis Mgr Trump do dh'Aimeireaganaich a bhòt na aghaidh, 's a tha fhathast a' cur na aghaidh, nach leig a leas eagal sam bith a bhith orra bhuaithesan mar cheann-suidhe.

Nicola Sturgeon

Sgrìobh Prìomh Mhinistear na h-Alba gu Dòmhnall Trump a' cur meal-a-naidheachd air. Tha litir Nicola Sturgeon a-mach air càirdeas sluaigh agus eaconamach eadar Alba agus na Stàitean Aonaichte. Agus thuirt i gu bheil i an dòchas gun toir Mgr Trump spèis do chothromachd, co-ionnannachd agus còirichean sluaigh.

Crith-thalmhainn

Bhuail an dàrna crith-thalmhainn New Zealand a-raoir beagan tuath air Christchurch anns an Eilean mu Dheas. Chaidh dithis a mharbhadh anns a' chiad chrith anns an aon sgìre an-dè. Chaidh iarraidh air daoine ann am baile Kaikoura gluasad gu talamh àrd agus dam air Abhainn Clarence air sgàineadh.

Cumhachd

Dh'iarr Rùnaire na Cumhachd, Greg Clark, coinneamh ris a' bhuidhinn a tha a' riochdachadh nan companaidhean cumhachd ann am Breatainn an dèidh aithrisean às ùr mu na prìsean a tha iad a' cur air luchd-cleachdaidh airson dealain agus gas. Tha rannsachadh a chaidh fhoillseachadh anns a' phàipear-naidheachd an Sun a' cumail a-mach gu bheil mòran chompanaidhean a' dèanamh phrothaidean a sheachd uimhir 's a tha iad ag aideachadh gu poblach.

Connadh

Sgrìobh buill Thòraidheach air na beingidhean cùil ann an Westminster a' moladh dhan t-Seansalair cìs a' chonnaidh a ghearradh ann am buidseat an fhoghair an ath-sheachdain. Tha na buill Thòraidheach ag ràdh ged a tha bun-phrìs na h-ola a' tuiteam nach eil prìs a' pheatroil agus diesel aig na pumpaichean a' tuiteam a rèir sin.

Croitearachd

Tha dùil gun coinnich riochdairean Choimisean na Croitearachd ri croitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas seachdain a-màireach. Tha e air tighinn am follais gun do chuir an constabal, a chuir an Coimisean os cionn a' bhaile, crìoch air a chuid obrach an sin agus gun tug e aithisg dha na croitearan. Agus chaidh agallamhan a chumail air an deireadh-sheachdain airson dà choimiseanair ùr gu bòrd a' Choimisein.

A' Ghealach

Bidh a' ghealach shlàn as motha agus as soilleire bho chionn iomadh bliadhna ann a-nochd. 'S ann an 1948 a bha an turas mu dheireadh a bha a' ghealach cho faisg agus tha e coltach, a rèir 's mar a bhios an aimsir a-nochd, gur e sgìrean ann an ceann an ear-thuath na h-Alba a gheibh an sealladh as fheàrr dhìth.