"Call" air eaconamaidh Loch Abair

Inbhir Lòchaidh Image copyright Richard Webb/Geograph

Tha Ceit Fhoirbeis BPA air bruidhinn a-mach mun taic a tha Inbhir Nis a' faighinn an coimeas ri Loch Abair.

Bha am ball airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bàideanach a' bruidhinn aig Seachdain Bheachdan Loch Abar anns a' Ghearasdan, far an do thog cuid a bha an làthair beachd gu bheil call a' tighinn air Loch Abair seach gu bheil airgead is pròiseactean a' dol gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

"'S e an obair agam fhèin a bhith a' toirt a' chuspair sin gu aire na Pàrlamaid, an Riaghaltais, agus fiù 's na Comhairle," thuirt a' Bh.Ph. Fhoirbeis.

"Tha mise den bheachd gu bheil Inbhir Nis a' faighinn tòrr a bharrachd maoineachaidh agus 's dòcha taic, an taca ri Loch Abair.

"Agus tha e cudromach, fiù 's, mar eisimpleir, leis an Aonta Bhaile, carson a fhuair Inbhir Nis tòrr airgid?

"Chan eil sinn air tòrr fhaicinn ann an Loch Abair a thaobh leasachaidhean," thuirt i.