CNES a' cur "an làn thaic" ri tuathan-gaoithe coimhearsnachd

Crann-gaoithe

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a dhol gu làidir às àicheadh chasaid bho chathraiche Urras an Rubha agus Shanndabhaig a thuirt nach eil iad a' cur suim ann an tuathan-gaoithe coimhearsnachd nan oidhirp ceangal nas fheàrr fhaighinn ris a' ghriod nàiseanta.

Thuirt an Comh. Aonghas MacCarmaig gur ann air pròiseactan mòra a tha aire na Comhairle 's iad gam meas riatanach nan oidhirp càball mara fhaighinn fon Chuan Sgìth.

Dh'fhàg Mgr MacCarmaig air a' Chomhairle, agus air Buill-Phàrlamaid, nach do rinn iad gu leòr airson an càball fhaighinn.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir dhan Chomhairle a bhith air plana eile ullachadh gun fhios nach tigeadh an càball aig a' cheann thall.

Dìon

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, ge-tà gu bheil Mgr MacCarmaig ceàrr na bheachd nach eil a' Chomhairle a' cumail taic ri pròiseactan coimhearsnachd.

Tha a' Chomhairle air £1.5m a chosg air sgeamaichean cumhachd coimhearsnachd, thuirt e, agus iad cuideachd a' toirt £15k gach bliadhna dhan bhuidhinn Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba a tha a' cuideachadh choimhearsnachdan a tha am beachd na sgeamaichean gaoithe aca fhèin a chuir air adhart.

Bha Urras an Rubha agus Shanndabhaig fhèin a-measg nam buidhnean a fhuair taic bhuapa, thuirt e.

Dhaingich e a bheachd ge-tà gu bheil feum air pròiseactan mòra a phàigheas airson càball a' Chuain Sgìth.