Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Memo

Thuirt ministearan ann an Westminster nach eil iad a' faithneachadh memo, a chaidh a sgaoileadh gun fhiosta, anns a bheil rabhadh gu bheil sgaradh aig àrd-ìre anns an Riaghaltas a' ciallachadh nach eil plana coileanta ann airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha am pàipear ag ràdh cuideachd gum faodadh cho mòr ri 30,000 seirbheiseach catharra eile a bhith a dhìth airson Breatainn ullachadh airson falbh às an EU.

Brexit

Thuirt an Seansalair Dùbhlain nach obraich plana fo am biodh Alba a' dèanamh aonta dhi fhèin airson Brexit. Tha moladh ann gum faigheadh sìobhaltaich Eòrpach còirichean obrach ann an Alba mar phàirt de fhreagairt Albannach air Brexit, ach thuirt John McDonnell nach dèanadh sin ach cron air suidheachadh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Thuirt esan gur ann le co-obrachadh eadar Holyrood agus Westminster a thig an t-aonta as fheàrr.

Atmhorachd

Bha lùghdachadh ris nach robh dùil anns an atmhorachd air a' mhìos seo chaidh. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do thuit ìre na h-atmhorachd, a rèir clàr an CPI, gu 0.9% anns an Dàmhair, bho 1% anns an t-Sultain.

Rèile Fìor-luath

Thàinig dearbhadh bhon Riaghaltas ann an Lunnainn air an dàrna pàirt de shlighe na rèile fìor-luath, HS2, a bheir an loidhne bho Birmingham ann an dà earrainn dhan ear-thuath agus dhan iar-thuath. Tha beagan den phlana nach deach fhoillseachadh fhathast, am measg sin am bi stèisean ùr ann an Sheffield. Agus tha dragh air feadhainn gum bi loidhne ùr a' dol tro sgeama thaigheadais ùr ann an sgìre Mexborough ann an ceann a deas Shiorrachd York.

Tuathan-gaoithe

Chaidh fàgail air ceannardan Chomhairle nan Eilean Siar nach eil guth aca air tuathan-gaoithe coimhearsnachd nuair a tha iad ag iomairt airson ceangal nas fheàrr ris a' ghriod nàiseanta. Thuirt Cathraiche Urras an Rubha agus Sanndabhaig, an Comhairliche Aonghas MacCarmaig, gu bheil a' Chomhairle a' cur cus cuideim air na tuathan-gaoithe mòra coimeirsealta nuair a tha iad ag argamaid airson càbaill ùir gu Tìr Mòr. Tha teagamh ann mun chùis agus an Riaghaltas a' sgur den taic airgid do thuathan-gaoithe anns na h-eileanan. Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gum biodh e doirbh do phròiseactan beaga coimhearsnachd a dhol an sàs anns an obair agus cosgais mhòr a tha an lùib an iarrtais airson càbaill dealain ùir.

Barraigh

Tha an Comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, ag iarraidh coinneimh shònraichte a dheasbad dragh mu na seirbheisean poblach ann am Barraigh agus Bhatarsaigh. Thuirt Mgr Manford gu bheil faireachadh anns na sgìrean a tha sin gu bheil na seirbheisean poblach aca a' sìor dhol bhuaithe agus gun deach dìochuimhneachadh mun deidhinn.