Bochdainn connaidh feumach air £1m eile sa bhliadhna

Teasachadh dachaigh

Bu chòir £1m a h-uile bliadhna, 'son an ath dheich bliadhna, a chur mu choinneimh bochdainn connaidh, a rèir chomhairliche sna h-Eileanan an Iar.

Sin beachd Thormoid MhicLeòid agus buidhneann-iomairt, Caidreachas nan Dachannan, ag iarraidh tuilleadh airgid a chur ris an trioblaid air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Dh'iarr a' bhuidheann gun rachadh gealltanas a thoirt seachad gum biodh a h-uile dachaigh an Alba nas èifeachaiche a thaobh losgadh agus cosgais connaidh.

An-dràsta tha còrr 's an treas cuid de dhachannan na h-Alba ann am bochdainn connaidh, le faisg air dàrna leth na h-àireamh sin nan dachaighean do sheann daoine.

Sàbhalaidhean

Bidh deasbad air a' chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.

Gheall Riaghaltas na h-Alba gun cuireadh iad às don trioblaid as t-Fhoghar seo chaidh, ach cha deach aca air sin a choileanadh.

"Tha trioblaidean air feadh na rìoghachd, ach an trioblaid a th' againn anns na h-eileanan, agus a' chosgais a th' aig daoine ri dachaighean a theasachadh tòrr nas motha na th' ann an àite sam bith eile ann am Breatainn," thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha an dà chuid ann, tha cosgais a' chonnaidh, gu h-àraid gas agus ola, tha sin nas àirde anns na h-Eileanan na tha an àite sam bith eile, agus chunnaic sinn thairis air a dhà no thrì bliadhnaichean mu dheireadh mar a tha companaidhean an dealain a' cur an-àirde phrìsean air daoine sna h-eileanan a bharrachd air àiteachan eile.

"Agus eadhon nam biodh sin fhèin air a thoirt air falbh dhèanadh e cuideachadh.

"Tha cuideachd na dachaighean fhèin. Tha tòrr de na dachaighean a chaidh a thogail anns na h-eileanan, a chaidh a thogail anns na 1950an, agus 's dòcha beagan ron sin, agus a' chuid as motha aca 's e ballachan soladach a th' annta, chan eil beàrn sna ballachan.

Dampachd

"Thèid an dampachd troimhe, agus mura tèid plaide a chur nam broinn, tha a' chosgais a tha sin gu bhith orra.

"Shaoileadh sinn, agus mhiannaicheadh sinn gun dèanadh iad barrachd airson nan eileanan - gu h-àraid na h-àiteachan far a bheil fìor-bhochdainn connaidh.

"Tha 26% de dhaoine sna h-Eileanan Siar ann am bochdainn connaidh. Tha sin tòrr a bharrachd na th' ann an àite sam bith eile an Alba.

"Eadhon nam faigheadh sinn £1m gach bliadhna 's dòcha, a bharrachd, dhèanadh e cuideachadh mòr.

"Chumadh e daoine anns na dachaighean aca fhèin. Dhèanadh e sàbhaladh anns na dachaighean cùraim.

"Agus daoine a th' ann an ospadal, bhiodh e tòrr na bu shaoire daoine a chumail anns na dachaighean aca," thuirt e.