Crainn-ghaoithe air bhog gam moladh an Dùnrath

Ro-dhealbh de na crainn ùra Image copyright Hexicon AB
Image caption Ro-dhealbh de na crainn ùra

Mhol companaidh às an t-Suain dà chrann-gaoithe, a bhiodh air bhog, a stèidheachadh far chladaichean a tuath Ghallaibh.

Dh'iarr Hexicon AB cead o Riaghaltas na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Arcaibh airson na sgeama taisbeanaidh.

Chuir a' chompanaidh companaidh ùr, Dounreay Trì Earranta, air bhonn gus am pròiseact a thoirt air adhart.

Tha an làrach a thathas a' moladh airson nan crann mu thrì mìle a-mach bho chladach Dhùnrath, far a bheil an t-seann ionad niuclasach.

Image copyright Hexicon AB
Image caption Bhiodh dà chrann-gaoithe san sgeama, 's iad ceangailte ri structar a bhiodh air bhog, 's air acair.

Bhiodh càball fon mhuir a dhìth air a' phròiseact, a thuilleadh air fo-stèisean air tìr.

Chuir a' bhuidheann iomairt glèidhteachais agus atharrachadh na sìde, WWF Alba, fàilte air a' mholadh.

"Feumaidh gun teagamh am moladh seo a dhol tro na pròiseasan dealbhachaidh àbhaisteach uile," thuirt Stiùiriche na buidhne, Lang Banks.

"Ach, dh'fhaodadh gun deadh aig Alba agus dùthchannan eile tuilleadh chumhachd glan a chruthachadh leis a' ghaoith aig muir san àm ri teachd, ma shoirbhicheas leis an sgeama seo le crainn air bhog.

"Tha cuideachd rudeigin caran samhlachail an seo, leis an smuain gum faodadh dealan glan, ath-nuadhachail a bhith air a chruthachadh cho faisg air seann ionad niuclasach neo-shoirbheachail, truaillte Dhùnrath."