Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnaidhean

Bha àireamh a' chion-chosnaidh air feadh Bhreatainn anns na trì mìosan bhon Iuchar dhan t-Sultain aig an ìre as lugha ann an 11 bhliadhna. Bha an àireamh sìos mu 37,000 gu 1.6m. Agus thuit an àireamh an Alba gun chosnadh agus a' sireadh obrach cuideachd, mu 14,000, gu 129,000. Ach bha an àireamh an Alba ann an obair sìos cuideachd, mu 25,000.

Dòmhnall Trump

Chaidh Dòmhnall Trump às àicheadh gu bheil eas-aonta anns an sgioba a tha ag ullachadh airson a stèidheachadh na cheann-suidhe anns na Stàitean Aonaichte. Thuirt Mgr Trump gu bheil an obair a' dol air adhart gu dòigheil ged a tha na meadhanan naidheachd anns na Stàitean ag ràdh gun do chaill dithis aig àrd-ìre ann an sgioba Mhgr Trump an dreuchd.

Fiachan

Tha am Pàrtaidh Uaine a' cumail a-mach gu bheil ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' cosg nan ceudan millean not a h-uile bliadhna a' strì ri seann fhiachan. Tha na h-Uainich ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas agus dha na bancaichean cur às do luach còrr 's £11bn de dh'fhiachan, oir gu bheil ùghdarrasan ionadail a' cosg earrainn mhòir den airgead bho chìs na comhairle a' strì ris na fiachan sin.

Murt

Chuir Poilis ann an Glaschu rannsachadh muirt air bhonn an dèidh bàs fireannaich air an deach losgadh le gunna air taobh a deas a' bhaile a-raoir. Bha an duine, a bha 26 bliadhna de dh'aois, na shuidhe ann an càr air Scotland Street ann an sgìre Tradeston nuair a chaidh losgadh air. Chaidh a thoirt dhan ospadal ach chaochail e goirid an dèidh sin. Tha na h-uimhir de na rathaidean dùinte agus tha buaidh cuideachd air seirbheisean subway anns an sgìre fhad 's a tha an rannsachadh a' dol air adhart.

Aileen NicColgan

Dh'fhàg tè eile den àrd-luchd-lagha a dreuchd anns an rannsachadh mu dhrabastachd an aghaidh cloinne. Thuirt Aileen NicColgan, a bha os cionn an rannsachaidh air na h-Eaglaisean Caitligeach agus Sasannach, nach eil i riaraichte le ceannardan an rannsachaidh. Tha Àrd-Neach-Lagha agus Leas-Àrd-Neach-Lagha an rannsachaidh air falbh air an dà mhìos mu dheireadh agus tha dùil gum falbh dithis eile den sgioba a dh'aithghearr.

Siria

Dh'iarr Leas-Stiùiriche Buidheann Chobhair na Cloinne, UNICEF, air gach taobh sgur den t-sabaid ann an Siria agus beatha òigridh na dùthcha a chur os cionn a h-uile dad eile. Thuirt Justin Forsyth gun deach 150 duine-cloinne a mharbhadh anns an t-sabaid ann am baile Aleppo bho chionn ghoirid agus gu bheil mòran eile ann an cunnart am beatha le cion a' bhìdh agus leis an fhuachd.

Croitearachd

Bidh Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceannadach, am measg na bheir fiosrachadh do Chomataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha a' chomataidh a' cruinneachadh fiosrachaidh bho riochdairean a' Choimisein agus iad am beachd atharrachadh a thoirt air lagh na croitearachd. Tha Mgr Ceannadach aig meadhan na connspaid mun dòigh anns a bheil an Coimisean air a bhith a' dèiligeadh ri comataidhean ionaltraidh. Tha e a' diùltadh a dhreuchd fhàgail agus 's ann a thog e fhèin gearan an aghaidh Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing.