An t-Eilean Sgitheanach "as fheàrr"

An t-Eilean Sgitheanach Image copyright John Allan/Geograph
Image caption Tha seallaidhean an Eilein Sgitheanaich ainmeil air feadh an t-saoghail, agus bidh mòran luchd-turais a' tilleadh ann bliadhna an dèidh bliadhna.

Chan eil àite fuirich anns an Rìoghachd Aonaichte cho tarraingeach ris an Eilean Sgitheanach, a rèir rannsachaidh ùir.

Sheall sgrùdadh a chaidh a dhèanamh leis a' chompanaidh Rightmove gu bheil daoine airson an cùl a chur ris na bailtean mòra.

Dh'fhaighnich Rightmove dha 24,000 duine càite am bu chaomh leotha a bhith a' fuireach am Breatainn.

Bha bailtean beaga ann an Devon agus anns a' Chòrn anns an dàrna agus an treas àite, air cùl an Eilein Sgitheanaich.

Seallaidhean

Cuideachd, thuirt Rightmove gu bheil taigh anns a' chumantas a' cosg còrr air £230,000 anns an Eilean Sgitheanach - nas ìsle na ann an gu leòr de dh'àiteachan, ach prìs a tha fhathast a' cur dùbhlain ro dhaoine òga na sgìre.

Thuirt Rightmove gun sheall an rannsachadh aca gu bheil daoine airson an cùl a chur ri ùpraid nam bailtean mòra agus airson a dhol a dh'fhuireach ann an àiteachan bòidheach.

"Tha àrainneachd againn a tha dìreach sgoinneil," thuirt Tormod MacIllÌosa, a tha a' fuireach san Eilean.

"Tha a' mhuir mun cuairt oirnn, 's tha beanntan againn, 's tha an t-àite uaine, 's ann am pàirtean den eilean tha craobhan is eile, 's tha rùm gu leòr againn cuideachd, agus tha e tarraingeach.

"Chan eil droch ghoireasan againn ann an dòigh, ged a dh'fhaodadh iad a bhith na b' fheàrr cuideachd," thuirt e.

Tha Mgr MacIllÌosa den bheachd gur e mar a tha luchd-turais a' tilleadh bliadhna an dèidh bliadhna chun an eilein a tha ga dhèanamh cho tarraingeach 's gu bheil iad gu math tric a' cur romhpa fuireach ann.

Òigridh

Chan e nach eil a chuid thrioblaidean fhèin aig an Eilean Sgitheanach ge-tà, agus gainnead taigheadais agus chothroman a' toirt air gu leòr de dhaoine òga an t-eilean fhàgail.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil an suidheachadh buileach cho dona 's a bha e 's dòcha o chionn deich, no fichead bliadhna," thuirt Mgr MacIllÌosa.

"Ach tha feum air barrachd thaighean, agus tha prìs thaighean gu math àrd - gu h-àraid air taobh a deas an eilein.

"Tha sin a' cur dheth nan daoine òga a tha ag iarraidh fuireach anns an sgìre fhèin.

"'S e aon de na mì-leasan as motha, tha mi a' smaoineachadh, a th' ann a thaobh an Eilein Sgitheanaich, 's e gu bheil an òigridh fhathast a' falbh.

"Chan e suidheachadh falain a tha sin, thoradh tha thu ag iarraidh òigridh a bhith san àite cuideachd cho math ri daoine a tha suas ann am bliadhnaichean," thuirt e.