Ceannach coimhearsnachd am Bun Illidh

Bun Illidh Image copyright Thinkstock

Tha muinntir Bhun Illidh ann an Cataibh air bhòtadh gus sealbh a ghabhail air fearann mu thimcheall a' bhaile.

Tha an t-uachdaran leis a bheil an talamh, Oighreachdan Cataibh, airson a reic agus tha e air cothrom a thoirt dhan choimhearsnachd a cheannach an toiseach.

Bhòt 96% airson sin a dhèanamh, le 76% de mhuinntir na coimhearsnachd a' gabhail pàirt anns a' bhaileat.

Tha Urras Leasachaidh Bhun Illidh an dòchas 3,000 acair a cheannach an ath-bhliadhna agus iad a' rannsachadh dè cho comasach 's a bhiodh e leasachaidhean cumachd ath-nuadhachail a stèidheachadh san sgìre.