Monarc a' Ghlinne ga ghlèidheadh don phoball?

Monarc a' Ghlinne Image copyright Diageo

Dh'fhaodadh gun tèid an dealbh ainmeil Monarc a' Ghlinne a ghlèidheadh agus a thaisbeanadh fad na h-ùine ann an Alba, an dèidh aonta eadar a' chompanaidh dibhe Diageo, leis a bheil e, agus Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba.

Bha dùil aig Diageo an dealbh, a th' air a bhith aca o chionn 17 bliadhna, a reic aig rùp, agus dùil aca £8m fhaighinn air.

Fad na h-ùine sin bha e ri fhaicinn aig Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Ach tha a' chompanaidh a-niste air dàrna leth an luach sin a thoirt seachad do Ghailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, agus dòchas ann gun gabh an £4m eile a thogail, gus an gabh an dealbh ainmeil a chur ann an sealbh poblach airson a' chiad uair.

Ìomhaigh Shuaicheanta

Bha dragh air eòlaichean ealain gun deadh a thoirt a-mach às an dùthaich nan deadh a reic aig rùp.

B' e Sir Edwin Landseer a pheant an dealbh ann an 1851.

Tha dùil gur e sealladh àiteigin ann an Gleann Afraig a th' ann an cùl an deilbh, agus e air mòran a dhèanamh gus ìomhaigh a bhrosnachadh den Ghàidhealtachd mar àite fiadhaich, nàdarra.

Chuir stiùiriche coitcheann Ghailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Sir Iain Leighton, fàilte air compàirteachadh Diageo.

"Tha sinn fìor-thoilichte le cho fialaidh 's a tha Diageo air a bhith, 's iad a' tabhainn cothrom gun samhail gum faigh an nàisean sealbh air an dealbh chudromach seo," thuirt e.

"'S e ìomhaigh shuaicheanta a th' ann am Monarc a' Ghlinne, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

"'S e an dachaigh as fheàrr do dhealbh cho cudromach, cho driùiteach, Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba, far am faigh na milleanan dhaoine air a mhealtainn, còmhla ris a' chruinneachadh shònraichte de dh'ealain Albannaich, Bhreatannaich agus Eòrpaich.

Fiughair

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri Diageo agus ar compàirtichean gus an t-amas againn a choileanadh."

Thuirt àrd-stiùiriche Diageo ann an Alba, Dàibhidh Cutter: "Tha sinn air ar dòigh a dhol an compàirt ri Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba gus cothrom a chruthachadh gum bi Monarc a' Ghlinne air a thaisbeanadh tuilleadh an Alba.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba."

Chuir Riaghaltas na h-Alba cuideachd fàilte air an naidheachd.

"Thuirt Rùnaire a' Chultair, na Turasachd agus nan Gnothaichean a-Muigh, Fiona Hyslop: "Dhearbh an fhreagairt a fhuair an naidheachd mun rùp seo o chionn ghoirid cho cudromach 's a tha an dealbh seo, agus tha mi toilichte gu bheil na Gailearaidhean Nàiseanta agus Diageo air tighinn gu aonta gus dèanamh cinnteach gun lean dàimh fhada an deilbh ri Alba."