"Bithidh sinn sa phrìomh shia" - Schalk

Alex Schalk Image copyright SNS

Thuirt an cluicheadair aghaidh aig Ross County, Alex Schalk, gun till an cluba dhan phrìomh shia an ceartuair, a dh'aindeoin is gu bheil iad aig bonn na lìge an-dràsta.

Chan eil aig County ach 11 phuing, is iad gun geama a bhuannachadh bhon Lùnastal.

Chaidh iad cuideachd a-mach à Cupa na Lìge aig ìre nam buidhnean dìreach ceithir mìosan às dèidh dhaibh an duais a bhuannachadh an aghaidh Hibs aig Hampden.

B' e Schalk a chuir an tadhal a bhuannaich an cupa dhaibh an là ud.

Dòchas

Tha an Duidseach gu math dòchasach gun èirich sgioba Inbhir Pheofharain suas an lìog.

"Feumaidh sinn a bhith sa phrìomh shia, mar a bha sinn air an t-seusan seo chaidh, is bithidh sinn", thuirt Schalk.

"Feumaidh sinn ar cothroman a ghabhail, a' tòiseachadh Disathairne, sreath de gheamaichean a chur ri chèile.

"Chì sibh san Dùbhlachd gur e sgioba phrìomh shia a th' annainn gun teagamh sam bith", thuirt e.

Thèid County gu Peairt Disathairne a chluiche St Johnstone.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile