Coinneamh mu fhastadh chriuthaichean iasgaich

Bidh coinneamh shònraichte ann Dihaoine gus bruidhinn mu na trioblaidean a th' aig sgothan-iasgaich air feadh nan Eilean Siar le gainnead chriutha.

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, airson 's gun atharraich Riaghaltas Bhreatainn na laghan a thaobh in-imreachas ach am faigh sgiobairean air criutha fhastadh bho thaobh a-muigh an AE.

A rèir Mhgr MacNèill, chan urrainn do chuid de sgothan-iasgaich fiù 's a dhol gu muir ri linn.

Beachdaichidh comataidh an iasgaich aig Comhairle nan Eilean Siar air na ghabhas dèanamh.