Bàs càraid an Leòdhas ga rannsachadh

Grabhair
Image caption Bha an cupall a' ruith Oifis a' Phuist ann an Grabhair

Tha rannsachadh a' leantainn anns na h-Eileanan an Iar às dèidh mar a fhuairear càraid phòsda marbh ann an Grabhair ann an Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas madainn Dihaoine.

Chaidh na cuirp a lorg taobh a-muigh an taighe aca.

Chaidh an ainmeachadh mar Dhòmhnall Mac a' Mhaoilein, 73, agus Mòrag Nic a' Mhaoilein, 67.

Bha an dithis a' ruith oifis puist a' bhaile.

Daoine còir

Thathas a' tuigsinn gur ann tràth madainn Dihaoine a fhuair na poilis fios gun d'fhuaireadh an dithis taobh a-muigh an taighe.

Tha an naidheachd dhuilich air uamhas a chur air muinntir na sgìre.

Thuirt Murchadh MacIllinnein, a tha na èildear san Eaglais Shaoir, gur e daoine còir, càirdeal a bh' annta agus an dithis an sàs gu mòr anns a' choimhearsnachd.

"Bhiodh Dòmhnall a' fosgladh na h-eaglaise air an t-Sàbaid, air an deireadh sheachdain ... duine as am b'urrainn dhut a bhith earbsach".

"S e bha coimhead às dèidh a' chlaidh, na h-ainmean aige ceart, is òrdugh brèagha aige air a h-uile càil".

Cha chan na Poilis ach gur e bàs obann a bh'ann agus nach eil càil a dh'fhios aca dè a dh'adhbhraich am bàs.

Tha luchd-rannsachaidh forensic à Tir-Mòr an sàs anns an rannsachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile