Lùghdachadh seirbheis ga mholadh an Gallaibh

Pàiste

Thathas a' moladh gun tèid seirbheisean màthaireil a lùghdachadh ann an Gallaibh.

Chaidh sgrùdadh a chur air dòigh às dèidh bàs phàiste an-uiridh, is rannsachadh air faighinn gum faodadh am bàs a bhith air a sheachnadh.

Tha trioblaidean cuideachd air a bhith aig a' Bhòrd Shlàinte àrd-dhotairean a thàladh dhan sgìre.

Tha an aithisg ùr a' moladh Ionad Màthaireil Coimhearsnachd, a bhiodh air a stiùireadh le mnathan-glùine, a stèidheachadh.

Rachadh cùis sam bith nuair a dh'fhaodadh trioblaid a bhith aig boireannach a ghluasad a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thathas a' moladh Ospadal an Ràthaig Mhòir a neartachadh mar phrìomh ionad dha ionadan màthaireil coimhearsnachd ann an sgìrean a-muigh air an dùthaich.

Tha luchd-iomairt mar thà air na molaidhean a chàineadh.

Cunnart

Thuirt tè dhuibh, Kerry NicCoinnich, gun robh an A9 dùinte nuair a rugadh a leanabh ann an 2000, is gun robh na heileacoptairean eiridinn air fad aig deas air sgàth tubaiste mòire.

Thuirt i, mura b' e gun robh àrd-dhotair ann an Gallaibh, gum faodadh i fhèin is a pàiste a bhith air bàsachadh.

Thuirt an t-Oll. Hugo van Woerden, a bha os cionn an sgrùdaidh, gu bheil e an dòchas gu bheil e air sealltainn gun gabh seirbheis nas sàbhailte a thoirt seachad, is leis a' mhòr-chuid de sheirbheisean fhathast rim faighinn faisg air làimh.

Thuirt e gur e ionad màthaireil coimhearsnachd a tha air a bhith ann an Gallaibh gu ìre mhòir bhon Damhair an-uiridh, is gu bheil am modal ag obair ann am badan eile den Ghàidhealtachd, is gu dearbha gu bheil e, na bheachd fhèin, nas sàbhailte.

Cuiridh NHS na Gàidhealtachd fios air gach boireannach san sgìre a tha trom, is thuirt an t-Oll. van Woerden gum bi còmhraidhean ann air mar a ghabhas an t-seirbheis gu h-ionadail, is còmhdhail a dh'Inbhir Nis, a leasachadh, cho math ri àitean-fuirich nas fheàrr sa bhaile dhan fheadhainn à tuath a tha feumach orra.

Bidh iad sin cudromach, thuirt e, as bith dè an co-dhùnadh a bhios aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Beachdaichidh am Bòrd air a' chùis aig coinneimh aig deireadh na mìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile