Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Uisge-beatha

Leig Comann Uisge-beatha na h-Alba fhaicinn gun cùm iad orra le strì laghail an aghaidh bun-phrìs air deoch-làidir ann an Alba. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gur e briseadh-dùil a tha sin ach gu bheil i gu math cinnteach gun tèid dearbhadh gu bheil plana Riaghaltas na h-Alba laghail.

Rannsachadh

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, gu bheil làn earbsa aice anns an rannsachadh mu dhrabastachd an aghaidh cloinne, ged a tharraing aon de na buidhnean as motha a tha a' riochdachadh na dh'fhulaing a-mach às a' phròiseas. Thuirt Comann Shirley Oaks, a tha a' strì às leth feadhainn a bh' ann an dachannan-cùraim aig Comhairle Lambeth ann an Lunnainn, gu bheil connspaid agus ceannard an dèidh ceannaird a' fàgail a' ciallachadh nach eil earbsa aca tuilleadh ann leis nach eil dòigh ann air an dèan an rannsachadh na chaidh iarraidh air.

Bàs obann

Tha na Poilis ann an Leòdhas a' rannsachadh bàs an dèidh dhaibh corp fireannaich agus boireannaich fhaighinn ann an Grabhar. Cha chan na Poilis ach gur e bàs obann a bh' ann agus nach eil càil a dh'fhios aca dè dh'adhbharaich am bàs.

Dòmhnall Trump

Bheir Theresa May agus ceannardan Eòrpach eile rabhadh do cheann-suidhe taghte nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, nach fhaod e na casg-bhannan a th' air an Ruis, airson an dol a-mach anns an Ugràin, a thogail. Agus aig àrd-choinneimh ann am Berlin an-diugh bruidhnidh am Prìomh Mhinistear ri Seansalair Merkel na Gearmailt, mu aithrisean gum biodh Breatainn fhathast a' cur airgid dhan Aonadh Eòrpach bliadhnaichean an dèidh Brexit.

Volkswagen

Dh'innis Volkswagen gun caill 30,000 den luchd-obrach an cosnadh air an ath cheithir bliadhna agus a' chompanaidh chàraichean a' feuchainn ri airgead a chùmhnadh an dèidh sgainneil mu thruailleadh. 'S ann anns a' Ghearmailt a bhios a' mhòr-chuid a' call an obair ach bheir e buaidh cuideachd air cosnadh anns na Stàitean Aonaichte agus ann am Braisil.

Cryonics

Thàinig e am follais gun d' fhuair nighean òg, a bha an uchd a' bhàis, cead laghail mus do chaochail i a corp a ghlèidheadh le reòthadh. Dh'iarr an nighean, a bha 14 bliadhna, agus air an robh aillse neo-chumanta, a corp a ghlèidheadh gun fhios nach biodh leigheas ann anns an àm ri teachd. Chaidh a' chùis gu lagh leis gun robh eas-aonta eadar a màthair, a chuir taic rithe, agus a h-athair, a bha na h-aghaidh anns a' chiad dol a-mach. Thuirt am britheamh aig an Àrd-Chùirt ann an Lunnainn gur e seo a' chiad turas a-riamh a thàinig cùis den t-seòrsa seo, a' cleachdadh saidheans 'cryonics', mu choinneimh cùirte ann am Breatainn.

Humza Yousaf

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba nach eil dad de dhùil aige a dhreuchd fhàgail an dèidh gearan air cho truagh 's a tha na seirbheisean rèile. Tha ASLEF, aonadh nan dràibhearan trèana, ag ràdh gum bu chòir do Humza Yousaf a dhreuchd a chall leis na th' ann de mhì-thoileachas mu sheirbheis Scotrail fo stiùir na companaidh Abellio.

Gearraidhean

Tha ball an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach ann am Pàrlmaid na h-Alba a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur dìon air Inbhir Nis seach sgìrean eile nuair a tha iad a' beachdachadh air gearraidhean. Thuirt Ceit Fhoirbeis nach eil e ceart gum faodadh Ionad Nibheis anns a' Ghearasdan mu leth de an taic-airgid a chall, le coltas nach cailleadh Eden Court ann an Inbhir Nis ach 2%.

Iasgach

Tha Comataidh an Iasgaich aig Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh an-diugh air trioblaid le cion criutha a tha a' cumail cuid de na bàtaichean gun faighinn gu muir. Tha iomairt ann airson toirt air an Riaghaltas laghan in-imrich atharrachadh gus am bi cead aig bàtaichean criutha fhastadh à dùthchannan eile taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich.