ADS ga iarraidh

Plèana Saab

Thuirt iar-chathraiche na buidhne HITRANS, Iain MacAoidh, nach eil adhbhar ann carson nach deigheadh faraidhean adhair saora ADS a leudachadh gu luchd-gnothaich anns na h-eileanan agus sgìrean iomallach na Gàidhealtachd.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil tòrr fiosrachaidh aca mu na chaill gnìomhachasan bho chaidh faraidhean ADS a thoirt bhuapa ann an 2011.

Thuirt e cuideachd ge-tà gun robh e air a mhisneachadh gun tuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun coimhead an Riaghaltas as ùr air a' chùis.