Tagradh mu Adam Mitchell

Adam Mitchell Image copyright Mitchell Family
Image caption Cha mhòr nach eil cealla-deug ann bho chaidh Adam Mitchell a dhìth

Chuir teaghlach deugaire a th' air a bhith gun sgeul ann an Inbhir Nis faisg air cealla-deug brath a-mach ag iarraidh taic ga lorg.

Chan fhacas Adam Mitchell, 18, bho dh'fhàg e taigh-seinnse anns a' bhaile ann an uairean beaga na maidne.

Thuirt an teaghlach gu bheil fìor iomagain orra mu dheidhinn a-nis.

Dh'fhàg e a dhachaigh ann sgìre Chùil Daothail an Inbhir Nis feasgar Diciadain an 9mh latha dhen t-Samhain.

Chaidh fhaicinn ann an taigh-seinnse Tooth and Claw air Sràid a' Bharoin Tàileir am feasgar sin.

Bhruidhinn e ri athair mu dheireadh aig 2030 an oidhche sin.

Dh'fhàg e taigh-seinne eile anns a' bhaile - Wetherspoons - goirid an dèidh meadhan-oidhche, leis fhèin.

Chunnacas an sealladh mu dheireadh dhe air CCTV a' coiseachd tro ionad gnìomhachais an Longman mu uair sa mhadainn.

Tha am brath ùr-sa bhon teaghlach ag ràdh gur e gille dòigheil, caoibhneil a bh' ann an Adam, 's tha iad nan èiginn fios fhaighinn mu dheidhinn.

Dh'iarr iad air duine sam bith a chunnaic dad, no a chuimhnicheas air dad - ge-bi dè cho beag - fios a chur gu na poilis air 101.

Thuirt na poilis gu bheil iad a-muigh an-diugh a-rithist a' coimhead airson Adam, timcheall air sgìre an Longman agus mu chladach Linne Mhoireibh.