Crìonadh am bàtaichean mòra luchd-turais

Soitheach Mhòr

Chan eil dùil gun tig uidhir de shoithichean mòra luchd-turais a-steach a Steòrnabhagh ann an 2017.

'S e gnìomhachas a tha seo a tha air a bhith a' fàs anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

B' e 2016 a' bhliadhna a bu thrainge a bh' aig Steòrnabhagh a-riamh, is còrr is 60 de na bàtaichean mòra a-staigh.

Thill cuid dhuibh a Steòrnabhagh grunn thursan tron t-seusan.

Ged a tha 45 san amharc mar thà 'son 2017, is coltas ann gun tig feadhainn barrachd na aon turas, tha ceist ann mu na soithichean as motha a th' ann.

"Na soithichean mòra, 's dòcha nach eil seo math gu leòr dhaibh, mar a tha iad aig acair is leth uair a thìde anns na soithichean beaga a' tighinn a-steach", thuirt Alasdair MacArtair bho Sheirbheis Longais Steòrnabhaigh.

"Na soithichean as lugha, gheibh iad a-steach ris a' chidhe.

"Chan eil mi a' smaoineachadh, na tha sin de na soithichean mòra a bh' againn am-bliadhna, cha bhi iad ann ath-bhliadhna", thuirt e.

Fiù 's ged nach bi na h-àireamhan cho mòr, thuirt Mgr MacArtair gu bheil e den bheachd gu bheil an gnìomhachas an ìre mhath seasmhach, is gun lean e mar sin fhad 's a bhios mu 40 bàta ann sa bhliadhna.

Thuirt e gun gabhadh a' chùis a leasachadh le cidhe nas motha is nas doimhne, is gu bheil oidhirp a' dol gus airgead a lorg 'son sin a thoirt gu buil.

Dh'fheumadh goireasan a bharrachd a leasachadh air tìr cuideachd, thuirt e, dha na luchd-tadhail a tha a' tighinn far nam bàtaichean.

Thuirt e cuideachd gu bheil e na bhacadh dha luchd-tadhail gu bheil tòrr de ghoireasan Leòdhais dùinte Là na Sàbaid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo