Dùil ri binn prìosain 'son ionnsaigh air a' Chomraich

Ostail Taigh Hartfield Image copyright Trevor Littlewood / Geograph

Dh'innis siorraidh do dh'fhireannach òg a thug daoine am bruid aig ostail air a' Ghàidhealtachd gum bu chòir dùil a bhith aige ri binn prìosain.

Dh'aidich Jack Quigley, 21, à Dùn Èideann gun robh e ciontach air casaidean gun tug e feadhainn am bruid, gun tug e ionnsaigh orra, gun do chùm e iad an aghaidh an toil, is gun tug e ionnsaigh air feadhainn eile.

Thachair seo aig Ostail Taigh Hartfield air a' Chomraich san Lùnasdal.

Bha Quigley air greis-gnìomhachais aig an ostail, a tha le Urras Venture.

Tha Urras Venture ag amas air òigridh a chuideachadh eucoir a chur air an cùlaibh.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gun tàinig an ùine aig Quigley aig an ostail gu ceann nas tràithe na bha dùil, is gun tug luchd-obrach e a-mach 'son deoch 'son soraidh slàn a ràdh ris.

Dh'innis an luchd-obrach gun robh Quigley air a dhalladh leis an deoch, is gun do thill e dhan ostail far an tug e an dithis mhanaidsearan am bruid, is gun tug e ionnsaigh orra.

Mhaoigh e an uair sin le sgithinn air feadhainn a bha a' fuireach san ostail.

Chuir na poilis Quigley an grèim nuair a ràinig iad an t-àite.

Troimh-chèile

Thuirt fear-lagh Quigley gun robh e air soirbheachadh aig an ostail, is gun robh e tròimhe-chèile gun robh e a' fàgail an àite nas tràithe na bha dùil.

Tha fios aige, thuirt am fear-lagh aige, gun robh na rinn e eagallach, is tha e garbh duilich mu dheidhinn.

Thèid binn a chuir air an ath-mhìos, is thuirt an siorraidh nach eil e a' faicinn roghainn eile ach am prìosan.

Thuirt Urras Venture gun robh iad glè dhuilich, is gu bheil iad air na siostaman aca atharrachadh.

Thuirt iad nach bi greis-gnìomhachais den leithid aca aig an ostail a-rithist, ach gun cùm iad a' còmhradh ri Quigley, is gun toir iad taic dha.