Rabhadh mun Ghàidhlig an Glaschu

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu gur dòcha nach tèid aca air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhainn dhan h-uile duine tha ga iarraidh, a dh'aindeoin 's gu bheil an treas sgoil san amharc anns a' bhaile.

Bha coinneamh aig an ùghdarras oidhche Mhàirt gus beachdachadh air an t-slighe as fheàrr air adhart do dh' fhoghlam Gàidhlig sa bhaile.

Tha fàs mòr air tighinn air FTMG ann an Glaschu, is Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail air fosgladh nas tràithe am-bliadhna, a bharrachd air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a bh' ann roimhe.

Thàinig fhathast air cuid de phàrantan strì a dhèanamh 'son àite dhan cuid chloinne san sgoil ùir is an t-iarrtas cho mòr.

Leudachadh

Dh'innis a' Chomhairle aig an àm sin gun robh iad a' coimhead ris an treas sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Fiù 's ged a bhiodh sgoil ùr ann ge-tà, thuirt Ceannard Foghlaim na Comhairle, Maureen McKenna, gur dòcha fhathast nach biodh àite ann am foghlam Gàidhlig dhan a h-uile duine a bha ga iarraidh.

"Ann an saoghal sònraichte bhiodh taghadh aig pàrantan is bhiodh àite ann am foghlam Gàidhlig dhan a h-uile neach a bha ga iarraidh.

"S e firinn na cùise, ann am baile mòr mar Ghlaschu, gum feum sinn an t-iarrtas a th' ann a làimhsicheadh taobh a-staigh ar buidseat", thuirt i.

Cuingealachadh

Dh'aidich i nach robh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail mòr gu leòr bho thùs, ach gun robh a' Chomhairle air an cuingealachadh leis an làraich, is thuirt i gu bheil an t-ùghdarras air leasanan ionnsachadh.

Ma 's e is gum bi an treas sgoil ann, thuirt i, dh'iarradh iad làrach nas motha.

Tha trì làraich ann an iar dheas a' bhaile san amharc aca, is coltas ann gum biodh e na bu shaoire dhaibh seann sgoil a leasachadh seach sgoil ùr a thogail, is dh'fhaodadh gun rachadh sgoil Ghàidhlig a chur air an aon làraich ri sgoil Bheurla, mar a thachair le Sgoil Ghleann Dail.

Bidh co-chomhairle ann ath-bhliadhna, is dh'fhaodadh sgoil ùr a bhith ann an ceann ceithir bliadhna.

Bidh cothrom eile aig daoine beachdachadh air a' ghnothach Diluain 28mh den t-Samhainn aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu eadar 6f is 8f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile