Dragh mu chathain ann an Uibhist

Cathan Image copyright Emilio Martinez Sabaris
Image caption Tha cathain a-nis air fàs glè phailt ann an Uibhist

Tha croitearan ann an Uibhist a Tuath air iarraidh air Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail a dhol dhan eilean a dh'fhaicinn am milleadh a tha na cathain a' dèanamh.

Chaidh còrr air ceithir mìle gu leth dhiubh a chunntadh ann an Uibhist nuair a nochd a' chiad fheadhainn air a' gheamhradh-sa.

Chan eil e ceadaichte losgadh ach air nas lugha na dhà às a' cheud dhiubh gach geamhradh.

A-rèir nan croitearan, tha na cathain a' milleadh talamh ionaltraidh agus a' gànrachadh fodar a thathar a' cur a-mach dho chrodh 's do chaoraich.

Tha Alasdair Dòmhnallach na chroitear ann an Taigh a' Ghearraidh, 's tha e ag ràdh gu bheil na cathain a' milleadh an fhearainn.

"Tha iad a' stampadh an fheòir, tha iad ga shalach agus dìreach ga mhilleadh agus an uair sin nuair a sheallas sinn ri biadhadh nam beathaichean, tha an gèadh a' tighinn a-staigh dhan bhiadh a tha sinn a' sgaoileadh a-mach dhan chrodh 's tha iad a' salachadh sin cuideachd".

"Tha iad cho gleusda - tha mi a-nis a' toirt an aire, bha iad a' feitheamh gum falbh mi às 's tha iad a' tighinn an luìb a' chruidh sa mhionaid cho luath 's a dh'fhalbhas mi às".

Fearghas Ewing

Tha fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, ag iarraidh air Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a dhol a dh'Uibhist airson an suidheachadh fhaicinn dha fhèin.

Tha e ag ràdh gu bheil na cathain air trioblaidean mòr adhbharachadh ann an Uibhist a Tuath agus gum feum deasbad a bhith ann mu mar a ghabhas smachd fhaighinn orra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo