Comhairliche air a dreuchd a leigeil dhith

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Dh'aontaich comataidh Ghallaibh gum bu chòir rannsachadh a bhith ann mun atharrachadh a tha NHS na Gàidhealtachd a' moladh

Tha tè de Chomhairlichean Ghallaibh air a dreuchd a leigeil dhith leis nach eil i dhen bheachd gum bu chòir rannsachadh poblach a bhith ann mu mholadh Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd seirbheis mhàthaireachd na sgìre atharrachadh.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh, thathas a' moladh gur iad mnathan-glùine a bhiodh os cionn an ionaid ann an Ospadal Inbhir Ùige, seach àrd-dhotairean mar a th' ann an dràsta.

Dheadh boireannaich aig am faodadh trioblaidean a bhith a chuir gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha feadhainn a tha a' strì an aghaidh nam planaichean a' togail dragh mu na thachradh ann an suidheachadh èiginneach.

An-dè aig coinneimh de chomataidh Ghallaibh ann an Inbhir Ùige, dh'aontaich buill gu h-aona ghuthach gum bu chòir rannsachadh a chur air dòigh mun atharrachadh a thathas a' moladh, ach thuirt Gail Ross, a tha cuideachd na ball airson na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, gu bheil i a' cuir taic ann am prionnsabal ri moladh a' bhùird.