Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leaghadair

Chaidh an leaghadair aluminium anns a' Ghearasdan a reic, a rèir Bhall-Pàrlamaid Albannach na sgìre. Tha companaidh air a bheil GFG Alliance air aontachadh a cheannach bho Rio Tinto a tha ga ruith an-dràsta. Tha mì-chinnt mhòr air a bhith ann mu na tha an dàn dhan ionad bho dh'fhoillsich Rio Tinto ath-sgrùdadh air an cuid obrach ann. Gabhaidh a' chompanaidh thairis an leaghadair, goireasan haidhdro aig Ceann Loch Lìobhann agus fearann. Chuir Ceit Fhoirbeis fàilte air an naidheachd, a tha a' cur dìon air còrr air 150 cosnadh.

Òraid Foghair

Tha dùil gum bi barrachd taic do theaghlaichean obrach am measg na dh'fhoillsicheas an Seansalair, Philip Hammond, anns an Òraid Fhoghair aige an-diugh fhathast. Tha dùil gun toir e spionnadh do thuarastail agus gun lùghdaich e gearraidhean shochairean. Bidh seo air a' chiad aithris mhòir air staid na h-eaconamaidh bho bha referendum an Aonaidh Eòrpaich ann.

Seirbheisean Rèile

Tha trioblaid le loidhnichean dealain air maille mhòr a chur air seirbheisean rèile ann an Glaschu. Thuirt Scotrail gum mair an troimh-a-chèile gu meadhan-là an-diugh. Tha seo a' tighinn 's Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, an impis aithris èiginneach air seirbheisean rèile na dùthcha a dhèanamh ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Gail Ross

Tha tè de Chomhairlichean Ghallaibh air a dreuchd a leigeil dhìth leis nach eil i dhen bheachd gum bu chòir rannsachadh poblach a bhith ann mu mholadh Bhòrd-Slàinte na Gàidhealtachd seirbheisean màthaireachd na sgìre atharrachadh. An-dè aig coinneimh de chomataidh Ghallaibh an Inbhir Ùige, dh'aontaich buill gu h-aona ghuthach gum bu chòir rannsachadh a chur air dòigh. Ach thuirt Gail Ross, a tha cuideachd na ball airson na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, gu bheil i a' cur taic ann am prionnsabal ri moladh a' bhùird.

Foghlam Gàidhlig

'S dòcha nach bi e comasach do Chomhairle Bhaile Ghlaschu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhann dhan a h-uile duine a tha ga iarraidh, tha iad ag ràdh. Bha coinneamh anns a' bhaile a-raoir mun rathad air adhart do dh'fhoghlam Gàidhlig anns a' bhaile. Tha treas bun-sgoil Ghàidhlig anns an amharc aig a' Chomhairle, a thuirt gu bheileas air leasanan ionnsachadh bho nuair a thog iad Bun-sgoil Ghleann Dail.

Croitearan

Gheibh croitearan Chuil Uaraich ann an Leòdhas cothrom air comataidh ionaltraidh ùr a stèidheachadh agus riaghailtean a tharraing còmhla iad fhèin. Bha coinneamh aig na croitearan ri Àrd-Oifigear Eadar-Amail Choimisean na Croitearachd, Bill Barron, a-raoir. Thuirt esan gur e coinneamh fheumail a bh' ann 's gu bheil e misneachail gun gabh rèite a dhèanamh anns a' chùis.

Losgadh

Tha poilis ag ràdh gun robh càr a chaidh a chleachdadh ann an ionnsaigh ghunna anns an deach fear a mharbhadh ann an Glaschu air a ghoid bho chionn mhìosan. Chaochail Eòghann MacIain nuair a chaidh losgadh air bho charbad agus esan anns a' chàr aige fhèin air Rathad Shields an t-seachdain sa chaidh. Thill poilis chun na làraich a-raoir feuch fianaisichean a lorg. Tha sgrùdadh forensic a' leantainn air càr Audi a fhuaras air a dhroch losgadh, 's a chaidh a ghoid bho chluba ann an Newton Mearns anns a' Chèitean.

Dùn Rath

Tha aonaidhean a tha a' riochdachadh luchd-obrach a tha a' toirt ionad niùclasach Dhùn Rath às a chèile a' toirt rabhadh gum faodadh iomairt obrach a bhith ann ri linn dragh mu àrdachadh pàighidh. Tha a' chompanaidh a tha gam fastadh, DSRL, a' tabhann àrdachadh pàighidh 1%. Ach, tha na h-aonaidhean ag iarraidh orra sin àrdachadh, agus a' mhòr-chuid air cur na aghaidh ann am baileat am measg an luchd-obrach.