Cha robh bàs chàraid amharasach

Grabhair
Image caption Bha an cupall a' ruith Oifis a' Phuist ann an Grabhair

Thuirt Poilis Alba nach eil iad a' dèiligeadh ri bàs chàraid aosda ann an Leòdhas mar chùis amharasach.

Chaidh Dòmhnall Mac a' Mhaoilein, 73, agus a bhean, Mòrag, 67, fhaighinn marbh taobh a-muigh an dachaigh ann an Grabhair ann an Ceann a Deas nan Loch madainn Dihaoine seo chaidh.

Bha an dithis a' ruith oifis puist a' bhaile.

A' toirt taing do mhuinntir na sgìre airson an cuideachadh, thuirt Richard Baird bho Phoilis Alba gun robh na thachair air buaidh a thoirt air daoine air feadh nan Eilean Siar.

Chaidh aithisgean a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile