Ad gun rabaid

Ged as e faclan molaidh a chleachd Philip Hammond gus bruidhinn mun t-seann seansalar, is e càineadh an ciall a bha aca.

Thuirt Mgr Hammond gum bu chòir do George Osborne a bhith moiteil as an obair aige aig Roinn an Ionmhais ach gun robh na h-amannan air atharrachadh.

Cha bu chòir dùil a bhith againn, thuirt e, gum biodh e a' tarraing rabaid a-mach anns an ad aige ann an òraid an latha an-diugh no ann am buidseatan anns an àm ri teachd.

Às dèidh mar a chaill Seòras agus Dàibhidh anns a' gheall aca gu bhòtadh Breatainn gus fuireach anns an Aonadh Eòrpach, is beag an t-iongnadh gun robh Mgr Hammond airson astar a chur eadar e fhèin agus am fear a bha anns an dreuchd roimhe.

Tha Mgr Hammond ag iarraidh cliù mar sheansalar sòbair airson amannan sòbair.

Ach is e an fhìrinn fiù 's nam bu toil leis fear a tharraing a-mach chan eil rabaid, coinneachadh no biast eile den t-seòrsa anns an ad aige co-dhiù.

Misneachd

Cha bhitheadh Mgr Hammond na sheansalar idir mura tug toradh an reifreann agus Mgr Osborne fàgail.

Bha Mgr Hammond airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach.

Ach an-diugh b' fheudar dha feuchainn ri misneachd a thoirt don luchd-bhòtaidh agus do na margaidhean gu bheil làmh làidir aige air an stiùir.

Aig a' cheart àm, cha b' urrainn dha droch naidheachd a sheachnadh mu na tha air fàire.

Tha Oifis Dleastanais a' Bhuidseit a-nis a' tomhas gum bi an Rìoghachd Aonaichte £122bn nas miosa dheth na bha dùil anns a' bhliadhna 2020.

Fàgaidh sin gun ruig fiachan na Rìoghachd Aonaichte 90% de thoradh nàiseanta na dùthcha an ath-bhliadhna.

Targaid

Mo chreach.

Dhearbh Mgr Hammond nach tèid am buidseat a chothromachadh ro 2020 - seann targaid Mhgr Osborne - ag ràdh dìreach gun tachradh e "cho luath is a ghabhas" anns an ath phàrlamaid

B' e sin an t-adhbhar a thug Mgr Osborne seachad airson nan gearraidhean a rinn iad o 2010.

Ach ged a chaidh an t-amas sin a chur don dàrna taobh - no a chur dheth - leanaidh na gearraidhean co-dhiù.

Thuirt An Seansalar ùr gum b' fheudar dhaibh cumail orra gus cliù na dùthcha leis na margaidhean a dhìon.

Dh'fhaodadh gearraidhean nas miosa a bhith air fàire.

Cruaidh

A rèir an OBR fhèin tha Brexit a' cur £58bn ri easbhaidh ionmhais na dùthcha - agus sin mus fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach, agus mus faic sinn an dòigh anns an tachair sin.

Tha gu leòr air na beingean Tòraidhean a' creidsinn gu bheil Mgr Hammond fada do dhubhach mu Bhrexit agus gun toir e spionnadh agus fàs don eaconomaidh.

Ach tha na Làbaraich, an SNP agus na Lib Deamaich den bheachd gur e Brexit - agus gu h-àraid "Brexit cruaidh" - na chunnart mòr.

Ged a dh'fhoillsich an riaghaltas gnìomhan gus taic a thoirt ri daoine air tuarasdail ìsle, dh'fhaodadh gearraidhean, tuiteam an not agus atmhorachd àrd buaidh a bu mhotha agus a bu mhiosa a thoirt orra.

Is e an fhìrinn nach eil fhios dè tha air fàire mus tòisich an còmhradh leis a' chòrr den Aonadh Eòrpach.

B' e seo an òraid mu dheireadh den t-seòrsa - chan eil fhios am bi cùisean nas cinntiche aig àm a' Bhuidseat as t-fhoghair an ath-bhliadhna.