NHS na Gàidhealtachd gan càineadh

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha ombusdsman na Slàinte air NHS na Gàidhealtachd agus ionad meidigeach a chàineadh às dèidh mar a bhàsaich boireannach le aillse eanchainn.

Thuirt am ombudsman gun do dh'fhailich an t-ionad agus am bòrd slàinte san dòigh anns an tug iad leigheas seachad.

Rinn iad càineadh cuideachd air an dòigh anns an do làimhsich am bòrd gearain bhon teaghlach.

Chan eil an Ombudsman ag ainmeachadh cò an ionad mheidigeach a bh' ann, neo an euslaintich.

Ach thuirt aithisg gun do thòisich am boireannach a' gearain mu cheann ghoirt grunn thrupan san Dùbhlachd 2013.

Fhuair i obair-lannsa airson othras na sròin, agus an dèidh sin chaidh i dhan ionad mheidigeach grunn thrupan 's i a' gearain mu cheann ghoirt agus a bhith a' cur a-mach.

Chaidh i gu ionad NHS toabh a-muigh uairean obrach àbhaisteach, agus chaidh a toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir far am faca eòlaiche eanchainnre i.

Chaidh a ràdh rithe gun robh i a' fulang bruthadh air a nearbhan.

Chaidh a cur dhachaigh ach cha tàinig piseach air a ceann ghoirt, is chaidh ceann-là a chur air dòigh airson sgrùdadh eanchainne, ach chaochail i mus deach sin a dhèanamh.

Fhuair rannsachadh bàis gun robh i a' fulang aillse eanchainne.

Thuirt an aithisg nach robh an cùram thug an ionad meidigeach seachad aig ìre reusanta, agus chaidh laigsean ainmeachadh a thaobh seirbheisean taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach NHS na Gàidhealtachd, a thuilleadh air an dòigh san deach leigheas a thoirt dhan bhoireannach.

Thuirt labharaiche dhan NHS gun robh iad dha-rìribh duilich, agus gun sgrìobhadh iad dhan teaghlach.

Thuirt iad cuideachd gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air a' chùis le àrd-dhotair, agus gun tèid fios mun sgrùdadh sin a chumail ris an teaghlach.