Allan a' dìon co-dhùnadh HIE

Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean Image copyright HIE

Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, dìon air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a chur fo aon bhòrd-stiùiridh ùr nàiseanta.

Dhearbh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, anns a' Phàrlamaid Diciadain gun deadh bòrd-stiùiridh HIE a chur ma sgaoil, 's a' bhuidheann gu bhith air a riaghladh le aon bhòrd-stiùiridh ùr nàiseanta.

Rinn am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd, Rhoda Ghrannd, a tha na làbhraiche air an Eaconamaidh Dhùthchail agus Co-cheangaileachd: "Tha e na thàmailt gu bheil cumhachd ga tharraing chun a' mheadhain san dòigh seo.

"Cha ghabh e creidsinn gu bheil Riaghaltas an SNP a' cur deasbad romhainn Diardaoin air cumhachdan a thoirt do choimhearsnachdan eileanach, 's gu bheil iad aig an aon àm a' toirt chumhachd agus buaidh bhuapa a thaobh HIE.

"Tha call a' bhùird seo gar toirt air ais gu 1960, nuair a thuirt Willie Ros nach deach aonta na bu leibidiche a thoirt do sgìre sam bith de dh'Alba ann an eachdraidh.

"Gu mì-fhortanach is coltach gu bheil Riaghaltas an SNP a' sgrìobhadh eachdraidh às ùr, 's iad a' tabhainn aonta fiù 's nas leibidiche fhathast air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan."

Ach thuirt Mgr Allan nach b' ann mu dheidhinn seirbheisean HIE, no an làthaireachd air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan a bha an co-dhùnadh, ach mu dheidhinn stiùireadh na buidhne.

"Thuirt Riaghaltas na h-Alba greiseag air ais gum biodh aon bhòrd ann aig ìre nàiseanta a' dèiligeadh ri iomairt agus a' tarraing sheirbheisean ri chèile," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

"Ach bithidh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' leantainn, bithidh na seirbheisean aige a' leantainn, bithidh na stiùirichean aige ann san àm ri teachd.

"Ann an dòigh, 's e ceist a th' ann eadar seirbheisean mòra ann an Alba agus biurocrasaidh mòr ann na Alba.

"Chan eil mise ag aontachadh ris a' bheachd gu bheil cumhachd ga thoirt air falbh on Ghàidhealtachd.

"Bhiodh sin ceart nam biodh na rudan a tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dèanamh a' crìonadh, no nam biodh iad a' tighinn a-steach a Dhùn Èideann," thuirt Mgr Allan.

"An rud a tha ag atharrachadh an-dràsta 's ann mu dheidhinn a' bhùird a tha e, chan ann mu dheidhinn oifisean no na seirbheisean no na stiùirichean a tha e," thuirt e.