Ceudan charbadan gan stad air an A9 Diciadain

Chaidh faisg air 200 carbad a stad air an A9 eadar Inbhis Nis is Dùn Bhlathain Diciadain, sna Poilis an sàs ann an iomairt shàbhailteachd.

Chaidh casaidean de dhiofar sheòrsa an aghaidh 28 dràibhear, agus fhuair 38 eile rabhadh oifigeil.

Bha 23 carbad mòr bathair am measg na chaidh a stad, agus bha rudeigin ceàrr air 15 dhuibh, chun na h-ìre 's nach fhaodadh na dràibhearan an toirt air falbh gus an deadh an càradh.

Bha aon dhiubh air an rathad gun àrachas.