Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceangal-rèile

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson loidhne-rèile a thogail eadar Glaschu agus port-adhair eadar-nàiseanta a' bhaile. 'S e am plana roghnaichte gun tèid tramaichean agus trèanaichean a chleachdadh airson daoine a thoirt chun a' phuirt-adhair ann am beagan 's cairteal na h-uarach. Cosgaidh an ceangal-rèile còrr 's £140m, agus ma thèid gabhail ris thèid an sgeama a mhaoineachadh mar phàirt de dh'Aonta Cathair-Bhaile Ghlaschu 's Chluaidh.

Òraid an Fhoghair

Thuirt an Seansalair, Phillip Hammond, gu bheil na planaichean a chaidh fhoillseachadh ann an Òraid an Fhoghair a' ciallachadh gum bi Breatainn deiseil ma thòisicheas an eaconamaidh a' lagachadh an ath-bhliadhna. Chuir Mgr Hammond dìon air ro-aithrisean gun caill an Rìoghachd Aonaichte faisg air £60bn thairis air còig bliadhna le bhith a' fàgail an EU.

Ionnsaighean drabasta

Tha Comann Ball-Coise Shasainn a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad chasaidean gun do dh'fhulaing cluicheadairean ionnsaighean drabasta. Tha na h-uimhir de dhaoine a b' àbhaist a bhith a' cluiche gu proifeiseanta air a bhith ag innse mu mar a dh'fhulaing iad ionnsaighean feise nuair a bha iad nan cluicheadairean òga. Gu ruige seo tha 11 duine air a dhol chun nam Poileas. Chuir an NSPCC loidhne-fòn sònraichte air dòigh an-diugh sa mhadainn airson daoine a dh'fhulaing ionnsaighean drabasta aig clubaichean ball-coise. Thuirt a' bhuidheann gun do chuir còrr 's 50 duine brath thuca an taobh a-staigh dà uair de thìde.

Bàs boireannaich

Tha Poileas Alba a' rannsachadh bàs boireannaich ann an Siorrachd Àir a Deas am measg aithrisean gun robh i a' sìneadh ann an dachaigh a teaghlaich airson mhìosan. Chaidh oifigearan a ghairm gu dachaigh Sharon Greenop anns an t-Sròin bho chionn cola-deug nuair a thòisich nàbaidhean a' gearan mu dhroch fhàileadh. Tha e air a thuigsinn gun robh i a' fuireach anns an taigh còmhla ri a piuthar agus an nighean aice.

GHB

Thuirt Poilis ann an Lunnainn gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na bàis aig 58 duine anns a' bhaile thairis air ceithir bliadhna. Bha ceangal aig a h-uile bàs ris an droga-feise GHB. An-dè chaidh fear Iain Port à taobh sear Lunnainn a dhìteadh air casaidean gun do mhurt e ceathrar fhireannach òga le bhith gam puinnseanachadh leis an droga.

Sìona

Thòisich na h-ùghdarrasan ann an Sìona a' toirt cheadan-siubhail air falbh bho dhaoine ann an roinn Xinjiang air taobh siar na dùthcha. Tha aimhreit chatharra air a bhith na thrioblaid san sgìre, agus tha oifigich ag ràdh gu bheil na riaghailtean ùra gan cur an sàs airson ceadan-siubhail dhaoine a chumail sàbhailte. Tha buidhnean chòirichean-daonna ag ràdh gu bheil Beijing airson stad a chur air daoine a bhith a' siubhal far an togair iad.