Dealbhan CCTV de dheugaire a tha a dhìth

Adam Mitchell Image copyright Mitchell Family
Image caption Cha chualas càil bho Adam Mitchell bho chionn còrr air cola-deug.

Chaidh dealbhan CCTV fhoillseachadh de dh'Adam Mitchell, 18, a chaidh a dhìth ann an Inbhir Nis bho chionn còrr air cola-deug.

Chaidh an deugaire a chlàradh air camara CCTV air Rathad an Longman aig mu 01:00m air Diardaoin an 10mh là den t-Samhain.

Cha deach fhaicinn bhon uairsin.

Thuirt an Insp. Alasdair MacLeòid bho Phoileas Alba gun robh iad taingeil dhan fheadhainn a chuir fios thuca mar thà, ach gun iarradh iad air daoine aig a bheil fiosrachadh a thighinn air adhart.

Tha iad gu sònraichte airson cluinntinn bho dhaoine a bha faisg air ionad-gnìomhachais an Longman tràth sa mhadainn air an 10mh là den mhìos.

Tha Adam Mitchell 5'11" de dh'àirde le falt fada donn agus feusag air.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh bha seacaid dhubh leathair air, dions dhubh agus botannan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile