Cead-fuirich ga thoirt do bhìobhairean

Bìobhair san uisge (c) De Meester/ ARCO / Nature pl Image copyright Other
Image caption Thèid an dà bhuidhinn de bhìobhairean ann an Alba a chumail.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun tèid leigeil le bìobhairean a chaidh a thoirt a-steach a dh'Alba às ùr fuireach, le dìon sònraichte ga chur orra.

Chaidh bìobhairean Albannach à bìth anns an 16mh linn ach chaidh buidheann dhiubh a thoirt a-steach a dh'Earra-Ghàidheal ann an 2009 mar sgeama-dearbhaidh.

Chaidh buidheann eile cuideachd a leigeil ma sgaoil gun chead ann an Taobh Tatha.

Thèid leigeil leis an dà bhuidhinn fuireach, ach thèid smachd a chumail orra airson talamh-àitich a dhìon.

Tuilleadh air an sgeulachd seo